Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Coileach-fraoich, no an Capall-coille
EXTERNAL ID
QZP40_1475_P310
DEIT
1804
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31457
KEYWORDS
capall-coille
eòin
eun-fraoich
coilltean
giùthsachan
The Heath Cock or Capercaillie

'S e 'Coileach-fraoich' ainm eile do chapall-coille. 'S e an capall-coille an t-eun-fraoich as motha anns an t-saoghal. Tha na h-eòin fireann a' fàs gu mu 4 cileagraman, is na h-eòin boireann gu mu 2 chileagram. Tha an capall-coille fireann dubh, no dubh-ghlas, is tha an capall-coille boireann donn, le broilleach ruadh.

Chaidh an capall-coille à bith ann an Alba anns an t-17mh linn, ach chaidh an toirt air ais as An t-Suain anns na 1830an. Bha eadar 1,000 is 2,000 paidhir ri àl ann an 1862, is anns na 1970an chaidh tuairmse a dhèanamh gu robh mu 20,000 eun ann. Chan eil ach mu 1,000 eun air fhàgail ann an Alba an-diugh air sgàth atharrachadh anns an aimsir, dòighean làmhachas fearainn is barrachd chreachadairean as an deidh.

'S ann anns a' ghiùthsaich a tha an capall-coille a' fuireach gu nàdarra. Cha tèid am faicinn ro thric oir tha iad sochaireach, ach ma thèid dragh a chur orra faodaidh iad a bhith gu math borb.

Gheibhear an gràbhaladh seo, bho dhealbh air a pheantadh le Seòras Garrard ann an 'A Sporting Tour of the Northern Parts of England and great part of the Highlands of Scotland', le Còirneal T Thornton.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Coileach-fraoich, no an Capall-coille

1800an

capall-coille; eòin; eun-fraoich; coilltean; giùthsachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)