Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Anndra Marshall mu sgrios drochaide sa Ghearmailt
EXTERNAL ID
WD_BF01_TRACK10_MARSHALL_02
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Marshall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3146
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
arm
Gàidheil Chamshronach
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Anndra Marshall a' dèanamh aithris air drochaid-fleodraidh an Gearmailt an Ear a chaidh a sgrios faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh.

B' e seo làithean deireannach a' chogaidh, bha sinn a' dol tarsainn Abhainn Elbe, eil fhios agaibh, an Gearmailt an Ear, air drochaidean-fleodraidh - eil fhios agaibh, drochaid air a dhèanamh le bàtaichean, pontoon. Agus nochd Messershmitt 109 - 's dòcha am fear mu dheireadh a bha san àite - agus is cinnteach gu robh am pìleat ag itealaich air an drudhag mu dheireadh de pheatrail a bh' aige - rinn e siabadh sios, tarsainn na h-aibhne, gunnaichean-inneal a' dol agus bhuail e aon làraidh agus ghabh làraidh eile feagal agus chaidh e air adhart agus air drochaid-bhàta. Dh'fheumadh na làraidhean a bhith pìos às a chèile a chionns gun deidheadh an drochaid fodha nam biodh cus san aon àite. Agus 's e sin an dearbh rud a thachair. Bhris an drochaid, agus chaidh i fodha, agus chaidh tòrr dhaoine am bàthadh agus na daoine san làraidh sin - muinntir nan Camshronach - saoilidh mi gu robh 29 aca ann air am marbhadh. Agus bha seo dìreach aon là mus do chrìochnaich an Cogadh, eil fhios agaibh. Mar sin 's e rud glè bhrònach a bh' ann.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Anndra Marshall mu sgrios drochaide sa Ghearmailt

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; Gàidheil Chamshronach; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Anndra Marshall a' dèanamh aithris air drochaid-fleodraidh an Gearmailt an Ear a chaidh a sgrios faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh.<br /> <br /> B' e seo làithean deireannach a' chogaidh, bha sinn a' dol tarsainn Abhainn Elbe, eil fhios agaibh, an Gearmailt an Ear, air drochaidean-fleodraidh - eil fhios agaibh, drochaid air a dhèanamh le bàtaichean, pontoon. Agus nochd Messershmitt 109 - 's dòcha am fear mu dheireadh a bha san àite - agus is cinnteach gu robh am pìleat ag itealaich air an drudhag mu dheireadh de pheatrail a bh' aige - rinn e siabadh sios, tarsainn na h-aibhne, gunnaichean-inneal a' dol agus bhuail e aon làraidh agus ghabh làraidh eile feagal agus chaidh e air adhart agus air drochaid-bhàta. Dh'fheumadh na làraidhean a bhith pìos às a chèile a chionns gun deidheadh an drochaid fodha nam biodh cus san aon àite. Agus 's e sin an dearbh rud a thachair. Bhris an drochaid, agus chaidh i fodha, agus chaidh tòrr dhaoine am bàthadh agus na daoine san làraidh sin - muinntir nan Camshronach - saoilidh mi gu robh 29 aca ann air am marbhadh. Agus bha seo dìreach aon là mus do chrìochnaich an Cogadh, eil fhios agaibh. Mar sin 's e rud glè bhrònach a bh' ann. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.