Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dun Chaillinn mar a ruigear e bho Pheairt
EXTERNAL ID
QZP40_1480_60
ÀITE
Dùn Chailleann
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh
DEIT
1848
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31460
KEYWORDS
àitean
Dun Chaillinn
cathair-eaglais
togalaichean
baile
Columcille
Eaglais Cheilteach
Ath-leasachadh
cathan
Seumasaich
malairt
Dunkeld as approached from Perth

Dealbh Dun Chaillinn bhon leabhar aig Herbert Byng Hall "Highland Sports and Highland Quarters".

Tha Dun Chaillinn 15 mìle tuath air Peairt air Abhainn Tatha. Anns an t-7mh linn thàinig Columcille à Eirinn agus san 9mh linn shuidhich Coinneach MacAilpein Dùn Chaillinn mar phrìomh ionad na h-Eaglais Cheiltich.

Còmhla ri Sgàin, b' e prìomh-bhaile rìoghachd ùr nan Cruithneach agus nan Albannach, ris an canadh iad Alba. Chaidh Cathair-eaglais Dhun Chaillinn a thogail ann an 1325 ach chaidh a sgrios aig àm an Ath-leasachaidh. Cha mhòr nach robh am baile fhèin air a sgrios aig àm Cath Dun Chaillinn ann an 1689. An dèidh Cath Raon Ruairidh theich na bha air fhàgail dhe na saighdearan dearga gu Dun Chaillinn agus fhuair iad neart a bharrachd bho na Camshronaich.

Air an 21mh Lùnastal 1689 thug 4000 Seumasach ionnsaigh air a' bhaile agus an dèidh 16 uairean a thìde cha robh ach 3 taighean nan seasamh slàn. A dh'aindeoin na buaidh a bha aca ann an Cath Dhun Chaillinn, cha mhòr nach b'e sin deireadh Ar-a-mach nan Seumasach.

Chaidh Dun Chaillinn a thogail às ùr mar bhaile-margaidh agus ionad malairteach far an robh rathaidean an dròbhaidh a' coinneachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dun Chaillinn mar a ruigear e bho Pheairt

PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh

1840an

àitean; Dun Chaillinn; cathair-eaglais; togalaichean; baile; Columcille; Eaglais Cheilteach; Ath-leasachadh; cathan; Seumasaich; malairt

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)