Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn-cuimhne do na Rìghrean Stiùbhartach
EXTERNAL ID
QZP40_2126_P001a
ÀITE
Eaglais Mhòr an Naoimh Pheadair
SGÌRE
A' Bhatacan
DEIT
1810an
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31465
KEYWORDS
càirn-cuimhne
uaighean
sgrìobhaidhean
Seumasaich
Crùn na h-Alba
Stiùbhartaich
Teàrlach Eideard Stiùbhart
eaglaisean
Monument to the Stuart Kings

Chaidh an càrn-cuimhne seo a thogail mar chuimhneachan air na rìghrean Stiùbhartach deireannach. Tha an sgrìobhadh ann an Laidinn, ag ràdh: "Iacobi III, Iacobi II Magnae Brit Regis Filio, Karolo Advardo, et Henrico Decano Patrvm Cardinalivm, Iacobi III Filiis, Regiae Stirpis Stvardi Postremis, Anno M DCCC XIX". Tha seo a' ciallachadh 'To James III, son of James II, King of Great Britain, to Charles Edward, and to Henry, Dean of the Cardinal Fathers, sons of James III, the last of the Royal House of Stuart, 1819'.

Chaidh Seumas VII Alba (Seumas II Shasainn) a chur bhon chathair-rìoghail is às an dùthaich ann an 1689 air sgàth a dhol-a-mach aintighearnail is gun do dh' atharraich e dhan chreideamh Phàpanach. Ach, bha mòran luchd-taic aige. B' e 'Seumasaich' a bh'orra, 'Jacobites' am Beurla, a'tighinn bhon fhacal 'Iacobus' ('Seumas' ann an Laideann). Dh'aithnicheadh a mhac mar an 'Seann Tagraiche' ach air ainmeachadh mar Sheumas III air a' chàrn, oir, na 'thagraiche', bha e ag ràdh gu robh còir aige-san a bhith na rìgh. Bha mac aige-san cuideachd, a dh'aithnicheadh mar an Tagraiche Òg, Teàrlach Eideard Stiùbhart, a th'air ainmeachadh mar Theàrlach III air a' chàrn seo, is a tha ainmeil mar 'Prionnsa Teàrlach Bòidheach' cuideachd. B'e Eanraig, Càrdanal Iorc, bràthair òg Theàrlaich.

Ann an 1810, dh'iarr Monsignor Angelo Cesarini air Antonio Canova càrn-cuimhne den Rìgh Eanraig a dhealbhadh. Cha deach an obair a chrìochnachadh gus an deach a phàigheadh gu lèir ann an 1815. Chaidh an dealbh atharrachadh gus an gabhadh Seumas is Teàrlach a chur ann cuideachd.

Chan eil mòran ìomhaighean ann an Eaglais Mhòr an Naoimh Pheadar, anns a' Bhatacain nach eil nan cuimhneachain air Pàpan. Tha a' mhòr-chuid eile anns an rèilig. Tha am fear seo air a dhèanamh le marmor geal is tha dà aingeal bàis fo bhròn nan seasamh air gach taobh de dhoras na h-uaighe. Os cionn an dorais, tha dealbhan snaidhte de Sheumas II & VIII, Eanraig IX & I is de Theàrlach III.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn-cuimhne do na Rìghrean Stiùbhartach

1810an

càirn-cuimhne; uaighean; sgrìobhaidhean; Seumasaich; Crùn na h-Alba; Stiùbhartaich; Teàrlach Eideard Stiùbhart; eaglaisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (photographs)