Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann a' Ghiùthsaich on Deas
EXTERNAL ID
QZP40_2126_P027
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
1893
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Meisenbach
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31467
KEYWORDS
bailtean dealbhaichte
camanachd
spòrs
bailtean
aibhnichean
drochaidean
Kingussie from the South

Bha an sgìre mu Cheann a' Ghiùthsaich uaireigin fo bhuaidh Chaisteal Ruadhainn, dachaigh Alasdair Stiùbhart, Madadh-alaidh Bhàideanaich, is fo bhuaidh Thaighean-feachda Ruadhainn an dèidh sin. Bha Eaglais Chinn a' Ghiùthsaich aig àth air Uisge Spè agus dhà no thrì thaighean mu thimcheall oirre. Ann an 1799 cho-dhùin Diùc Ghòrdain gun robh feum aig a' pharraist air baile is chaidh plana a dheasachadh.

Dh'fhàs baile ùr Chinn a' Ghiùthsaich beag air bheag gus an deach a chur air a' phrìomh rathad eadar Inbhir Nis is Peairt agus An Gearasdan le togail nan drochaidean thairis air Uisge Spè is air Abhainn Lagain aig toiseach an 19mh linn. Dh'fhàs am baile a-rithist nuair a chaidh màladairean a bha a' fuireach taobh a-muigh a' bhaile a thoirt a-steach a Chinn a' Ghiùthsaich gus am biodh barrachd fearainn ann do na caoraich. Thàinig an rèile, a' toirt turasachd leis, ann an 1863, is chaidh raon-goilf de 18 toll fhosgladh ann an 1890.

Tha ceangal dlùth eadar Ceann a' Ghiùthsaich is camanachd is chaidh Comann na Camanachd a stèidheachadh sa bhaile ann an 1893. Chaidh an sgioba chamanachd ionadail a chlàradh ann an Leabhar Reacordan Guinness mar an sgioba a bu shoirbheachaile a-riamh ann an spòrs sam bith.

Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann a' Ghiùthsaich on Deas

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1890an

bailtean dealbhaichte; camanachd; spòrs; bailtean; aibhnichean; drochaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)