Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìne, Ban-diùc Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_2126_P075
DEIT
1893
LINN
1760an
CRUTHADAIR
Reynolds
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31468
KEYWORDS
ban-diùcan
uaisleachd
Gàidheil Ghòrdain
rèisimeidean
arm
feachdan
pòsaidhean
Jane Duchess of Gordon

Rugadh Baintighearna Sìne NicSuail anns A' Mhonadh Rèidh ann an 1749. 'S i an ceathramh leanabh aig Sir Uilleam MacSuail is Magdalene Bhlàrach. Bha Sìne is a màthair is dithis de na peathraichean aice a' fuireach ann an rumannan ann an Dùn Èideann far am faigheadh a' chlann-nighean tuilleadh foghlaim.

Dh'fhàs Sìne gu bhith na boireannach òg bòidheach is toinisgeil. Thuit i ann an gaol le oifigear airm, 's dòcha Frisealach, nuair a bha i 16 bliadhna a dh'aois, ach fhuair i a-mach a-rithist gun robh e air bàsachadh. Aig 17 phòs i Alasdair, Diùc Ghòrdain. Nuair a bha iad air mìos nam pòg aca, fhuair Sìne litir o Fhriseal, a bha fhathast beò, ag iarraidh oirre a phòsadh.

Rugadh a' chiad mhac aice aig an aon àm sa rugadh mac aig Sìne Christie, rùnach an duine aice. 'S e Seòras ainm gach balach, 'Seòras agamsa is Seòras an Diùc' a rèir Baintighearna Sìne.

Chaith Sìne mòran den tìde aice ag ullachadh phàrtaidhean. Fiù 's nuair a ghluais an teaghlach gu Lunnainn bhiodh i a' cur air dòigh pàrtaidhean le blas Albannach. Chuir i aodach tartan oirre fhad 'sa bha e toirmisgte.

'S e pòsadh mì-shona a bh' aig teaghlach Ghòrdain. Chum an Diùc an rùnach aige ann an Caisteal Ghòrdain is thog e taigh do a bhean aig Ceann Rara, air Uisge Spè. Thàinig am pòsadh gu crìch ann an 1805 ach cha tug an Diùc seachad an t-airgead a bh' aig Sìne ri fhaighinn a rèir an lagh is bha aice ri fuireach ann an taighean-òsta. Nuair a bhàsaich i ann an 1812 chaidh a tìodhlagadh aig Ceann Rara, mar a dh'iarr i. Chaidh carragh-cuimhne a thogail air a son, agus pòsaidhean a cloinn sgrìobhte air.

Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìne, Ban-diùc Ghòrdain

1760an

ban-diùcan; uaisleachd; Gàidheil Ghòrdain; rèisimeidean; arm; feachdan; pòsaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)