- TIOTAL
- Seumas Mac a' Phearsain, eadar-theangaiche Oisein
- EXTERNAL ID
- QZP40_2126_P256
- DEIT
- 1893
- LINN
- 1760an
- CRUTHADAIR
- Romney
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31471
- KEYWORDS
- Seumas Mac a' Phearsain
bàrdachd Oiseanach
bàrdachd
connspaid
Oisean
Ceilteachd
romansachd
eadar-theangachaidhean
Gàidhlig

Rugadh Seumas Mac a' Phearsain ann an Inbhir Tromaidh, Bàideanach, ann an 1736. Chaidh a theagasg aig an taigh an toiseach, ach an dèidh sin chaidh e gu Sgoil Ghràmar Inbhir Nis is bha e na oileanach aig oilthighean Dhùn Èidinn is Obar Dheathain.
Ann an 1760, dh'fhoillsich e 'Fragments of Ancient Poetry, collected in the Highlands of Scotland, and translated from the Gaelic, or Erse language.' Bhathar ag ràdh gur iad fìor 'Chriomagan' de sheann bhàrdachd Cheilteach is fhuair iad deagh fhàilte. Nuair a thuirt cuideigin gur dòcha gun lorgadh criomagan eile cuideachd, chaidh airgead a thogail gus am faigheadh Mac a' Phearsain air obair a leigeil seachad is aire a thionndadh gu seo. Ann an 1762, dh'fhoillsich e 'Fingal', dàn a sgrìobh Oisean, mac Fhingal, a rèir coltais, is fhuair seo fàilte a cheart cho math. An dèidh 'Temora' a bhith air fhoillseachadh ann an 1763 nochd amharasan mun bhàrdachd, is chaidh ceist a thogail mun dearbhachd. Lean an connspaid an dèidh bàs Mhic a' Phearsain ann an 1796.
Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain