Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Baile a' Bhile
EXTERNAL ID
QZP40_2126_P259
ÀITE
Taigh Baile a' Bhile
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Albhaidh
DEIT
1893
LINN
1800an
CRUTHADAIR
Georg Meisenbach
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31472
KEYWORDS
taighean
oighreachdan
Seumas Mac a' Phearsain
Oisean
bàrdachd
dachaighean
Belleville House

'S e dachaigh Sheumais Mhic a' Phearsain, eadar-theangaiche bhàrdachd Oiseanach, a bh'ann an Taigh Baile a' Bhile. Cheannaich e an oighreachd o Mhac an Tòisich Bhòrluim is chaidh e an sin an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth anns na 1790an nuair a bha e ann an droch shlàinte air sgàth nan duilghdeasan a bh'aige ann am beatha phoblach.

Bha an oighreachd ann am parraist Albhaidh, faisg air far an d'rugadh e. Thog Mac a' Phearsain Taigh Baile a' Bhile air an oighreachd a rèir dealbh a rinn Raibeart Adam. B' e Raibeart Adam fear de na prìomh ailtirean ann an Alba is Sasainn aig an àm. Rugadh e ann an Cathair Challdainn ann an 1728 is bhàsaich e ann an Lunnainn ann an 1792. Am measg obair tha mòran de na togalaichean aig Oilthigh Dhùn Èidinn.

Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Baile a' Bhile

INBHIR NIS: Albhaidh

1800an

taighean; oighreachdan; Seumas Mac a' Phearsain; Oisean; bàrdachd; dachaighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

'S e dachaigh Sheumais Mhic a' Phearsain, eadar-theangaiche bhàrdachd Oiseanach, a bh'ann an Taigh Baile a' Bhile. Cheannaich e an oighreachd o Mhac an Tòisich Bhòrluim is chaidh e an sin an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth anns na 1790an nuair a bha e ann an droch shlàinte air sgàth nan duilghdeasan a bh'aige ann am beatha phoblach.<br /> <br /> Bha an oighreachd ann am parraist Albhaidh, faisg air far an d'rugadh e. Thog Mac a' Phearsain Taigh Baile a' Bhile air an oighreachd a rèir dealbh a rinn Raibeart Adam. B' e Raibeart Adam fear de na prìomh ailtirean ann an Alba is Sasainn aig an àm. Rugadh e ann an Cathair Challdainn ann an 1728 is bhàsaich e ann an Lunnainn ann an 1792. Am measg obair tha mòran de na togalaichean aig Oilthigh Dhùn Èidinn.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain