Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eòghann Mac a' Phearsain à Cluanaidh Mac a' Phearsain
EXTERNAL ID
QZP40_2126_P287
DEIT
1893
LINN
1850an
CRUTHADAIR
Lamb
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31473
KEYWORDS
cinnidhean
ceannardan
Cluanaidh Mac a' Phearsain
Èideadh Gàidhealach
Loch Iall
Ewen MacPherson of Cluny MacPherson

Rugadh Eòghann Mac a' Phearsain à Cluanaidh ann an 1804. B' e ogha Eòghainn à Cluanaidh a shabaid air taobh a' Phrionnsa Òg Stiùbhart ann an Ar-a-mach 1745. B' e am 20mh ceannard air a' chinneadh nuair a bhàsaich athair, Donnchadh, ann an 1817.

Phòs e Sara Justina ann an 1832 is bha ceathrar mhac is triùir nigheanan aca. B' e iar-ogha Shìm Morair na Mòrfhaich is dubh-ogha Shir Eòghann Camshron à Loch Iall. Le fìor shinnsireachd armailteach mar seo, cha b' e cùis-iongnaidh a bh'ann gu robh e na oifigear leis an 42mh Gàidheil, Am Freiceadan Dubh, is na Fho-cheannard Còirneal ann an Saor-thagraichean Raidhfil Ghàidhealach Shiorrachd Inbhir Nis gu ruig dhà no trì bliadhnaichean mus do bhàsaich e ann an 1885.

Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eòghann Mac a' Phearsain à Cluanaidh Mac a' Phearsain

1850an

cinnidhean; ceannardan; Cluanaidh Mac a' Phearsain; Èideadh Gàidhealach; Loch Iall

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Rugadh Eòghann Mac a' Phearsain à Cluanaidh ann an 1804. B' e ogha Eòghainn à Cluanaidh a shabaid air taobh a' Phrionnsa Òg Stiùbhart ann an Ar-a-mach 1745. B' e am 20mh ceannard air a' chinneadh nuair a bhàsaich athair, Donnchadh, ann an 1817.<br /> <br /> Phòs e Sara Justina ann an 1832 is bha ceathrar mhac is triùir nigheanan aca. B' e iar-ogha Shìm Morair na Mòrfhaich is dubh-ogha Shir Eòghann Camshron à Loch Iall. Le fìor shinnsireachd armailteach mar seo, cha b' e cùis-iongnaidh a bh'ann gu robh e na oifigear leis an 42mh Gàidheil, Am Freiceadan Dubh, is na Fho-cheannard Còirneal ann an Saor-thagraichean Raidhfil Ghàidhealach Shiorrachd Inbhir Nis gu ruig dhà no trì bliadhnaichean mus do bhàsaich e ann an 1885.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' Phearsain