Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac is Amar-baistidh aig Cille Chatain, Giogha
EXTERNAL ID
QZP40_2408_P005
ÀITE
Cill Chatain
SGÌRE
Cinn Tìre
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Giogha 's Cara
DEIT
1875
CRUTHADAIR
T P White
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31481
KEYWORDS
uaighean
leacan
clachan
gràbhalaidhean
creideamh
eaglaisean
caibealan
baisteadh
eileanan
Slab and Font at Kilchattan, Gigha

Tha Caolas Ghiogha eadar eilean Ghiogha is tìr-mòr. 'S e eilean beag a th'ann an Giogha, mu 6 mìle (10 cilemeatair) o thuath gu deas, is mu 3,447 acair. Chaidh an t-eilean a thoirt do Thighearnan nan Eilean anns a' 14mh linn is tha iomadh sealbhadair air a bhith aige on uairsin. 'S ann le coimhearsnachd an eilein a tha e a-nis.

Tha tobhta de chaibeal aig Cille Chatain. Tha e coisrigte gu Naomh Catan, miseanairidh Èirinneach on t-6mh linn. B' e cruth àbhaisteach airson an àm a bh'air an eaglais. B' e togalach beag ceithir-cheàrnach le mullach cas a bh'ann. Bha e dhà uiread cho fada 's a bha e leathann, is bha uinneagan fhada chaol anns gach balla.

Tha amar-baistidh cloiche fon uinneig an ear. Tha an t-amar-baistidh ochd-cheàrnach, mu 2 throigh tarsainn is mu 8 òirlich domhainn, le clais anns a' mheadhan. Tha iomadh leac-uaigh anns an eaglais cuideachd. Chithear na gràbhalaidhean air cuid de na leacan, ach tha iad air crìonadh air cuid eile. Tha an t-amar-uisge is dà leac-uaghach anns an dealbh seo.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeological Sketches in Scotland: Knapdale and Gigha', le Caiptean TP MacGilleBhàin (1875)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac is Amar-baistidh aig Cille Chatain, Giogha

EARRA-GHÀIDHEAL: Giogha 's Cara

uaighean; leacan; clachan; gràbhalaidhean; creideamh; eaglaisean; caibealan; baisteadh; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)