Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croisean, is mar sin air adhart, air Eilean Ghiogha
EXTERNAL ID
QZP40_2408_P007
ÀITE
Giogha
SGÌRE
Cinn Tìre
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Giogha 's Cara
DEIT
1875
CRUTHADAIR
T P White
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31483
KEYWORDS
croisean
leacan
uaighean
eileanan
gràbhalaidhean
sgrìobhadh
clachan
Crosses etc on the island of Gigha

Tha Caolas Ghiogha eadar eilean Ghiogha is tìr-mòr. 'S e eilean beag a th'ann an Giogha, mu 6 mìle (10 cilemeatair) o thuath gu deas, is mu 3,447 acair. Chaidh an t-eilean a thoirt do Thighearnan nan Eilean anns a' 14mh linn is tha iomadh sealbhadair air a bhith aige on uairsin. 'S ann le coimhearsnachd an eilein a tha e a-nis.

Tha an lann seo a' sealltainn ceithir dealbhan de chroisean a chaidh a lorg air an eilean. Tha dealbhan 1 is 2 a' sealltainn dà thaobh leac-chrois a chaidh a lorg aig an Tairbeart, air taobh tuath an eilein. B' e crois shìmplidh mu 6 troighean a dh'àirde a bh' innte. Bha an aimsir air mòran dhi a bhleith.

Tha dealbh 4 a' sealltainn stac de chlach-uaghach a chaidh a lorg faisg air seann chaibeal Chille Chatain. 'S e stac chloiche le ceithir taobhan, mu 6 troighean a dh'àirde is 10 òirlich tarsainn a th'ann. 'S e sgrìobhadh ogham a th'anns na sràcan air oir na cloiche. B' e siostam sgrìobhaidh a bh'ann an ogham, far an robh sràcan air an dèanamh os cionn is fo loidhne. Thathar a' smaoineachadh gur e ainm an duine a bhàsaich is ainm athar a tha sgrìobhte.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeological Sketches in Scotland: Knapdale and Gigha', le Caiptean TP MacGilleBhàin (1875)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croisean, is mar sin air adhart, air Eilean Ghiogha

EARRA-GHÀIDHEAL: Giogha 's Cara

croisean; leacan; uaighean; eileanan; gràbhalaidhean; sgrìobhadh; clachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)