Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Robasdan mu thubaist an Afraga a Tuath
EXTERNAL ID
WD_BF02_TRACK02_ROBERTSON
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Major-General Robertson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3151
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
arm
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig a' Phrìomh Sheanalair Robasdan mu thachartas nach deach a phlanadh rè iomairt Afraga a Tuath san Dàrna Cogadh.

Bha aon tachartas èibhinn a dh'èirich dhuinn. Bha sinn air a bhith, uill tha mi creids' nach robh e uabhasach èibhinn aig an àm, ach bha sinn air a bhith a' meàrrsadh. Mar a b' àbhaist bhiodh sinn a' siubhal ann an làraidhean, làraidheann trì-tunna, ach aig an fhìor-àm seo cha robh na làraidhean sin ann dhuinn. Dh'fheumadh iad tilleadh gus stòras a thogail am Benghazi no an Tobruk no 'n àiteigin. Bha iad air an cleachdadh airson an stòrais 's mar sin thàinig oirnne meàrrsadh. Agus ràinig sinn àite dhen ainm Homs. Robh duin' agaibh an Afraga a Tuath? An cuala duine mu Leptis Magna? 'S e baile Greugach briste a th' ann an Leptis Magna - ailtearachd brèagha, bòidheach. Agus stad sinn an sin agus smaoinich mise, uill, tha seo àlainn. Tha mise 'dol a choimhead timcheall air Leptis Magna, an làrach Greugach, gu mionaideach. Agus cha robh mi ach air na facail a ràdh nuair a thàinig cuideigin na chabhaig agus thuirt e 'Deiseil gus gluasad an lethuair a thìde.' Agus thog sinn oirnn a-rithist. Bha sinn uile glè sgìth oir bha sinn air astar mòr, mòr a mheàrrsadh agus bha mise caran searbh nach d' fhuair mi cothrom an t-àite fhaicinn.

Agus choisich sinn fad na h-oidhche don àite far an robh dùil againn gum biodh na Gearmailtich. Ach gu mì-fhortanach, chuir an duine a bha gar stiùireadh ceàrr sinn. An àite a bhith gar tionndadh air cùl nan Gearmailtich agus gan glacadh suas agus gan cur nam priosanaich, 's ann a thionndaidh e sinn mus do ràinig sinn na Gearmailtich agus chaidh sinn a-steach do wadi no bealach mòr. Agus bha tòrr againn a' siubhal air na tancaichean aig an àm, nar seasamh orra, agus cha b'urrainn don tanc faighinn thairis air a' bhealach, 's mar sin thuirt draibhear an tainc 'Glè dhuilich, ach chan urrainn dhomh ur toirt nas fhaide' agus dh'fheumadh sinn leum dheth 's a dhol air ar casan a-rithist. Agus bha e glè dhoirbh bhon bha a h-uile duine sgapte bho chèile. Cha d' fhuair sinn idir cothrom a phlanadh.

Agus 's ann a bha mise a-nis còmhla ri ceithrear no coignear eile. Ghluais sinn suas dhan àite far an robh dùil againn a bha an nàmhaid agus thuirt mise ri mo charaid nuair a ràinig sinn an druim mhullach, 'Thalla thusa an rathad sin agus thèid mise an rathad seo.' Agus taobh a-staigh trì mionaidean, tha e coltach, chaidh an duine a chur mi dhan taobh chlì a chur fo ghrèim na phrìosanaiche. Agus aig an àm cha chuala mi càil mu dheidhinn. Chaidh mise dhan taobh dheas le triùir no ceithrear eile.

Agus cha robh againn ach raidhfeilean agus Gunnaichean Sten, agus chan eil na Sten Guns a' losgadh ro fhada, agus cha robh againn ach raidhfeilean. Agus fhuair sinn suas faisg air na Gearmailtich agus gu h-obann thòisich iad a' losgadh oirnn. Chaidh mo bhualadh - cha robh mi ro dhona, dìreach air a' ghualainn - agus chaidh mi air cùl creige. B' urrainn dhomhsa an uairsin na Gearmailtich fhaicinn meadhanach math. Bha dà oifigear Gearmailteach nan suidhe air a' bhruaich. Agus thog mise mo raidhfeil agus loisg mi mu dheich pheilear orra. Agus cha do bhuail mi iad le gin dhiubh [gàireachdainn] Bha mi dìreach uabhasach. 'S e an duilgheadas gum feum thu, leis na raidhfeilean sin, a bhith a' meas dè cho fad às 's a tha an targaid. An-diugh tha raidhfeilean àrd-astair agaibh agus tha am peilear a' dol 'chuiiist' - dìreach. Sna làithean sin dh'fheumadh tu an t-astar a mheas agus an t-astar sin a chur a-steach dhan inneal-fradhairc, agus mar sin a chaidh am peilear. Agus ma fhuair thu an t-astar ceàrr, chaill thu an targaid a-rèisd. Agus chaill mise an targaid. Mar sin a bha e.

Agus ruith tòrr de phrìosanaich Eadailteach thugainn a' feuchainn ri gèilleadh ruinn, agus thòisich na Gearmailtich a' losgadh oirnn, agus bha e, bha e èibhinn: dh'fhaodadh tu na peilearan fhaicinn a' dol tromhpa - sluist - agus cha b'urrainn dhuinn càil a dhèanamh mu dheidhinn. Dh'fhàg sinn iad leis na bannan ceud-fuasglaidh a bh' againn agus dh'èigh sinn fortan math dhaibh agus sin mar a bha e. Dh'fheumadh sinn cumail a' dol leis an obair againn fhìn.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Robasdan mu thubaist an Afraga a Tuath

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)