Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Agnes Milne mu bhith a' cadal air dleasdanas feansa
EXTERNAL ID
WD_BF02_TRACK04_MILNE_02
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Agnes Milne
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3153
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
RAF
WAAF
feachd an adhair
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Agnes Milne a' bruidhinn air mar thachair nuair a chaidil i air dleasdanas feansa.

Tha cuimhn' agam aon oidhche bha sinn air dleasdanas faire aig an fheansa. Bha sin aig a' bhothaig bheag aig a' gheata far an robh dà sheathair chomhartail agus stòl far an dèanadh tu do chocoa is rudan mar sin. O, b' e cocoa an deoch, cha b' e gin is tonic ; 's e cocoa a bh' ann, cocoa fad na h-ùine. Agus chaidh do thaghadh gus dleasdanas feansa a dhèanamh. 'S e dleasdanas fad na h-oidhche a bha sin - fuirich na do dhùisg agus dèan cinnteach nach tigeadh duine a-steach don champa, eil thu 'faicinn. Agus mar sin bha mi fhìn 's mo charaid Màiri air dleasdanas feansa agus bha sinn nar suidhe an siud leis a' chocoa againn. Cha robh sinn nar cadal an-dràsta! A' norradaich beagan, ach cha robh sinn a' cadal oir dh'fheumadh sinn fuireach nar dùisg.

Sa mhionaid bha fuaim eagalach ann a-muigh, 's mar sin chuir sinn dheth na solais agus dh'fhosgail sinn an uinneag. Agus bha an leithid de phoileas an airm timcheall air a' bhothaig againn. Mar sin dh'fhosgail sinn an uinneag caran agus thuirt sinn "Seadh?" Thuirt iadsan "Thigibh a-mach!" Thàinig sinn a-mach an uairsin. Uill, bha campa-phrìosanaich-cogaidh aig ceann eile an eilein agus bha dithis òga air faighinn às agus 's e pìleatan a bh' annta. Agus ghoid iad càr agus thàinig iad dhan phort-adhair againn an dòchas gu faigheadh iad air plèana a ghoid ach am faigheadh iad dhachaigh. Agus bha iad air an càr a pharcadh taobh a-muigh an dorais againn. 'S ann airson sin a bha sinne ann - gus an deidheadh sinn a-mach 's gun canadh sinn 'STAD!' Cha robh sinn air sìon a chluinntinn. Mar sin thuirt mi ris an sèirdeant - duine le coltas gu math borb air - thuirt mi ris 'Cha chuala sinn sìon.' 'O idir, idir. Na gabh dragh,' thuirt e. 'Chuir e dheth an t-einnsean agus rinn e roiligeadh a-staigh.' Bha sinne air a bhith nar cadal. Co-dhiù, ghlac iad iad, an dithis òga. Bha mi caran duilich dhaibh ann an dòigh. Bha mi den bheachd gu robh iad dìreach ag iarraidh dhachaigh ach am faiceadh iad am màthraichean. Ach, chan eil còir agad a bhith a' faireachdainn truas dhan nàmhaid.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Agnes Milne mu bhith a' cadal air dleasdanas feansa

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; RAF; WAAF; feachd an adhair; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)