Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crannagan air Loch nan Cinnidhean
EXTERNAL ID
QZP40_2471_1862-1864_P116
ÀITE
Loch nan Cinnidhean
SGÌRE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Crothaigh 's Dealgros
DEIT
1864
LINN
1860an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31536
KEYWORDS
crannagan
eileanan
togalaichean
dìon
togail
lochan
eileanan togte
zoomable

Tha an diagram seo a' sealltainn chrannagan air oighreachd Sheumais Rose à Cill Rathaig, Siorrachd Narann. Far a bheil e a' sealltainn Loch nan Cinnidhean, chan eil an loch sin ann an-diugh.

B' e eileanan beaga, dèante le làimh, a bh' anns na crannagan, is bha iad air an cleachdadh mar thaighean dìon no mar chomharra air inbhe. Bha cuid de chrannagan air an dèanamh gu tur le daoine, agus cuid eile dhiubh air an stèidheachadh air eileanan nàdarra. Chaidh eileanan a thogail agus bha daoine a' fuireach orra cho anmoch ris an t-17mh linn. Bha a' mhòr-chuid de chrannagan cruinn no ugh-chruinn, mu 15-30 meatairean tarsainn gu cuibheasach. Ann am bitheantas, bha crannagan an Innse Gall air an dèanamh le clachan, is bha an fheadhainn air tìr-mòr air an dèanamh le fiodh.

Bha ceangal aig iomadh crannag ris a' chinneadh a thog suas iad. 'S e Eilean na Manachainn ann an Loch Tatha (no Eilean Loch Tatha) eisimpleir dhiubh sin. Thog Caimbeulaich Ghleann Urchaidh daingneach air an eilean san t-16mh linn.

'S ann o Leabhar V de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862, a tha an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crannagan air Loch nan Cinnidhean

SIORRACHD NARANN: Crothaigh 's Dealgros

1860an

crannagan; eileanan; togalaichean; dìon; togail; lochan; eileanan togte; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)