Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh farsaing air Maeshowe
EXTERNAL ID
QZP40_2471_1862-1864_P248A
ÀITE
Maeshowe
SGÌRE
Tìr-mòr Arcaibh
DEIT
1864
LINN
1860an
CRUTHADAIR
A Gibb
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31541
KEYWORDS
cnuic
tìodhlagadh
deas-ghnàthan
càirn sheòmarach
àirceolas
Maeshowe
Lochlannaich
General View of Maeshowe

'S e seòmar-tiodhlagaidh o Linn na Cloiche (Neolithic) a th'ann am Maeshowe air tìr-mòr Arcaibh. Tha croislin no tomhas tarsainn de 115 troigh (35 meatair) aig bonn a' chnocain is tha e barrachd air 24 troigh (7 meatairean) a dh'àirde. Chaidh a thogail ro 2700 RC is tha e air a dhèanamh le leacan mòra, agus cudthrom suas gu 30 tunna ann an cuid dhiubh.

Chan eil adhbhar na h-uaighe follaiseach. Cha deach ach dhà no thrì phàirtean de chnàmhan an lorg nuair a chaidh cladhach a dhèanamh air a' chnocan, is tha seo a' toirt air daoine beachdachadh nach robh na cuirp air an cumail an sin fad ùine mhòir sam bith. 'S dòcha gur e seòrsa de mhìosachan a bh'anns a' chnocan, a-rèir a cho-thaobhadh: aig laighe na grèine air là leth a' Gheamhraidh, tha an solas a' boillsgeadh a-steach air an trannsa dorais agus a' deàrrsadh air pìos den bhalla chùl. Seach gun robh iad a' fuireach cho fada gu tuath bhiodh e gu math cudthromach gum biodh fios aig daoine cùin a bhiodh na làithean a' fàs na b' fhaide a-rithist

Bha greis ann nuair nach robh Maeshowe air a chleachdadh, ach dh'fhosgail na Lochlannaich a-rithist e anns an 12mh linn. Tha an sgrìobhadh rannach no runic a th'air a ghearradh sa bhalla a' toirt teisteanais air seo. Am measg na th'air na ballaichean, tha 'shnaidh Ottarfila na rannan seo' is 'shnaidh Haermund Hardaxe na rannan seo' sgrìobhte. Tha cuid de dhaoine a' co-dhùnadh o na dealbhan gu robh ionmhas anns a' chnocan ach gun do dh'fhalbh na Lochlannaich leis. Thug turas nan Lochlannach air a mhullach tuiteam a-steach is cha deach an cnocan fhosgladh a-rithist chun an 19mh linn.

Gheibhear an dealbh seo ann an leab. IV de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh farsaing air Maeshowe

1860an

cnuic; tìodhlagadh; deas-ghnàthan; càirn sheòmarach; àirceolas; Maeshowe; Lochlannaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations)