Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana làir de Sheòmar Maeshowe
EXTERNAL ID
QZP40_2471_1862-1864_P248C
ÀITE
Maeshowe
DEIT
1864
LINN
1860an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31543
KEYWORDS
tomain
tiodhlacadh
deas-ghnàthan
àrsaidheachd
càirn sheòmarach
zoomable

'S e seòmar-tiodhlacaidh on Linn Nuadh-chreagach a th'ann am Maeshowe air tìr-mòr Arcaibh. Tha tomhas tarsainn de 115trn (35m) aig bonn a' chnocain is tha e barrachd air 24trn (7 m) a dh'àirde. Chaidh a thogail ro 2700RC is tha e air a dhèanamh le leacan mòra, cuid dhiubh le cuideam suas gu 30 tunna. Chan eil adhbhar na h-uaighe follaiseach. Chan eil coltas gun deach na cnàmhan a stòradh an sin bho nach deach ach criomag cnàimh no dhà a lorg nuair a chaidh cladhach a dhèanamh air a' chnocan. 'S dòcha gur e seòrsa de mhìosachan a bh' anns a' chnocan, a rèir a loidhne-laighe. Aig laighe na grèine air là leth a' gheamhraidh, tha an solas a' boillsgeadh a-steach fad na trannsa a tha a' dol a-steach agus a' deàrrsadh air pìos beag den bhalla chùil. Cho fada gu tuath, bhiodh e gu math cudromach fios a bhith aig daoine cuin a bhiodh na làithean a' fàs na b' fhaide a-rithist.

Bha greis ann nuair nach robh Maeshowe air a chleachdadh, ach dh'fhosgail na Lochlannaich a-rithist e anns an 12ra linn. Tha an sgrìobhadh rannach a th' air gearradh sa bhalla a' toirt teisteanas air seo. Am measg nan gràbhalaidhean, tha 'shnaigh Ottarfila na rannan seo' is 'shnaigh Haermund Hardaxe na rannan seo' sgrìobhte. Tha a h-uile coltas, o na dealbhan sin, gun robh ionmhas anns a' chnocan agus gun do dh'fhalbh na Lochlannaich leis. Thug turas nan Lochlannach air a' mhullach tuiteam a-steach is cha deach an cnocan fhosgladh a-rithist chun an 19mh linn.

'S ann o Leabhar V de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862, a tha an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana làir de Sheòmar Maeshowe

1860an

tomain; tiodhlacadh; deas-ghnàthan; àrsaidheachd; càirn sheòmarach; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)

'S e seòmar-tiodhlacaidh on Linn Nuadh-chreagach a th'ann am Maeshowe air tìr-mòr Arcaibh. Tha tomhas tarsainn de 115trn (35m) aig bonn a' chnocain is tha e barrachd air 24trn (7 m) a dh'àirde. Chaidh a thogail ro 2700RC is tha e air a dhèanamh le leacan mòra, cuid dhiubh le cuideam suas gu 30 tunna. Chan eil adhbhar na h-uaighe follaiseach. Chan eil coltas gun deach na cnàmhan a stòradh an sin bho nach deach ach criomag cnàimh no dhà a lorg nuair a chaidh cladhach a dhèanamh air a' chnocan. 'S dòcha gur e seòrsa de mhìosachan a bh' anns a' chnocan, a rèir a loidhne-laighe. Aig laighe na grèine air là leth a' gheamhraidh, tha an solas a' boillsgeadh a-steach fad na trannsa a tha a' dol a-steach agus a' deàrrsadh air pìos beag den bhalla chùil. Cho fada gu tuath, bhiodh e gu math cudromach fios a bhith aig daoine cuin a bhiodh na làithean a' fàs na b' fhaide a-rithist.<br /> <br /> Bha greis ann nuair nach robh Maeshowe air a chleachdadh, ach dh'fhosgail na Lochlannaich a-rithist e anns an 12ra linn. Tha an sgrìobhadh rannach a th' air gearradh sa bhalla a' toirt teisteanas air seo. Am measg nan gràbhalaidhean, tha 'shnaigh Ottarfila na rannan seo' is 'shnaigh Haermund Hardaxe na rannan seo' sgrìobhte. Tha a h-uile coltas, o na dealbhan sin, gun robh ionmhas anns a' chnocan agus gun do dh'fhalbh na Lochlannaich leis. Thug turas nan Lochlannach air a' mhullach tuiteam a-steach is cha deach an cnocan fhosgladh a-rithist chun an 19mh linn.<br /> <br /> 'S ann o Leabhar V de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862, a tha an dealbh seo