Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Brùgh aig Eadardan
EXTERNAL ID
QZP40_2471_1862-1864_P301
ÀITE
Eadardan
SGÌRE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Eadardan
DEIT
1864
LINN
1860an
CRUTHADAIR
A Jervise
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31544
KEYWORDS
grìogagan
cisteachan àirseachail
cladhach
àirceolas
poitean
rudan àirseachail
zoomable

Chaidh am brùgh seo a lorg faisg air Eadardan, air rèile Shiorrachd Rois nuair a bhathas a' dèanamh obair air an rèile. An dèidh cladhach faiceallach, chaidh bior-phoit chreadha a lorg. Bha tomhas tarsainn de 16 òirleach aig a' mhullach is 9 òirlich aig a' bhonn. Bha e 16 òirleach a dh'àirde. Cha robh sgeadachadh sam bith air agus bha cnàmhan loisgte is beagan umha ann.

Chaidh grìogag de ghloine ghorm a lorg cuideachd. Bha trì cuairteagan co-chearclach geala is srianag mhì-rianail bhuidhe sa ghrìogaig. A rèir traidisean, bha e air ainmeachadh na 'grìogag nathair'. Bhathar ag ràdh gu robh na grìogagan seo air an cruthachadh nuair a chuireadh dà nathair an cinn ri chèile is gun dèanadh iad siosarnaich gus am biodh builgean air a dhèanamh. Bhiodh am builgean a' fàs cruaidh mar ghloine.
Bhathar ag ràdh gu robh na grìogagan seo a' tarraing beartais is leighis.

Gheibhear an dealbh seo ann an leab. IV de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Brùgh aig Eadardan

ROS: Eadardan

1860an

grìogagan; cisteachan àirseachail; cladhach; àirceolas; poitean; rudan àirseachail; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)