Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cnocan aig Loch nan Cinnidhean
EXTERNAL ID
QZP40_2471_1862-1864_P332
ÀITE
Loch nan Cinnidhean
SGÌRE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Crothaigh 's Dealgros
DEIT
1864
LINN
1860an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31545
KEYWORDS
crannagan
eileanan
togalaichean
dìon
togail
lochan
craobhan
àitean àirseachail
zoomable

'S e loch nach eil ann tuilleadh air oighreachd Chill Rathaig ann an Siorrachd Inbhir Nàrann a th'anns an sgìre air am bheil 'Loch nan Cinnidhean'. Chaidh tobhtaichean de chrannagan a lorg anns an loch. B' e eileanan beaga, deanta le làimh a bh'anns na crannagan, is bha iad air an cleachdadh mar thaighean dìonadach no mar chomharra-inbhe. Bha cuid de chrannagan air an dèanamh le daoine gu tur, is b' e eileanan nàdarra a bh'air an cur ris a bh'ann an cuid eile. Bha na h-eileanan air an togail agus daoine a' fuireach orra suas chun an t-17mh linn. Bha a' mhòr-chuid de chrannagan cruinn no ugh-cruinn, mu 15-30 meatair tarsainn mar bu trice. Ann am bitheantas, bha crannagan an Innse Ghall air an dèanamh le clachan, is bha an fheadhainn air tìr-mòr air an dèanamh le fiodh.

Bha cnocan na crannaige anns an diagram seo air a dhèanamh le fiodh. Chaidh cabraichean darach a lorg a dhèanadh mullach dìreach an cois bhallaichean air an dèanamh le cuirp chraobhan daraich.

Gheibhear an dealbh seo ann an leab. IV de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cnocan aig Loch nan Cinnidhean

SIORRACHD NARANN: Crothaigh 's Dealgros

1860an

crannagan; eileanan; togalaichean; dìon; togail; lochan; craobhan; àitean àirseachail; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)

'S e loch nach eil ann tuilleadh air oighreachd Chill Rathaig ann an Siorrachd Inbhir Nàrann a th'anns an sgìre air am bheil 'Loch nan Cinnidhean'. Chaidh tobhtaichean de chrannagan a lorg anns an loch. B' e eileanan beaga, deanta le làimh a bh'anns na crannagan, is bha iad air an cleachdadh mar thaighean dìonadach no mar chomharra-inbhe. Bha cuid de chrannagan air an dèanamh le daoine gu tur, is b' e eileanan nàdarra a bh'air an cur ris a bh'ann an cuid eile. Bha na h-eileanan air an togail agus daoine a' fuireach orra suas chun an t-17mh linn. Bha a' mhòr-chuid de chrannagan cruinn no ugh-cruinn, mu 15-30 meatair tarsainn mar bu trice. Ann am bitheantas, bha crannagan an Innse Ghall air an dèanamh le clachan, is bha an fheadhainn air tìr-mòr air an dèanamh le fiodh.<br /> <br /> Bha cnocan na crannaige anns an diagram seo air a dhèanamh le fiodh. Chaidh cabraichean darach a lorg a dhèanadh mullach dìreach an cois bhallaichean air an dèanamh le cuirp chraobhan daraich.<br /> <br /> Gheibhear an dealbh seo ann an leab. IV de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862