Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crìsdean Chapman ag innse mar a chaidh Spitfire a lorg air tràigh Sandwood
EXTERNAL ID
WD_BF02_TRACK06_CHAPMAN
ÀITE
Sandwood
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Christopher Chapman
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3156
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Spitfires
plèanan
plèanaichean
itealain
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Crìsdean Chapman o Cheann Loch Biorbhaigh ag innse mar a lorg caraid na bu shine na e Spitfire air Tràigh Sandwood an 1942.

Thòisich e sa chogadh ann an ionad-faire, 'observation post'. Bha dhà dheug dhiubh ann uile gu lèir, ach sa bhitheantas bhiodh deichnear aca air faire aig an aon àm. Bha iad air an stèiseanadh aig Balchreig ann an teantaichean agus bha esan ann san Dàmhair 1942. Chaidh na teantaichean an sguabadh air falbh aon oidhche, 's mar sin ghluais iad iad gu mullach cnuic, ach a-rithist chaidh an cur a-mach leis an usige. An uairsin ghluais iad gu Loidse Àisir Mòr. Abair gu robh sin na dhiofar àite-fuirich. Ach dh'fheumadh iad fhathast coiseachd dhan ionad-faire co-dhiù ann an dithisean. Aig meadhan-oidhche fhuair iad èighe air an uèirleas bhon oifis gu robh plèana air a dhol sìos ann an Sandwood. 'S e Spitfire a bh' ann 's mar sin choisich iad thairis air na cnuic agus chum iad orra tro ghèiltean Neart-a-Deich agus tuil uisge, ach tha e coltach gun do chuir am pìleat am plèana sìos gu sgiobalta air an tràigh. Cha deach a leòn idir, ach cha robh fios acasan air a sin. Chum iad orra thairis air na cnuic agus cha d' fhuair iad stiùireadh sam bith bhon bha e cho anmoch - meadhan-oidhche a-nise. Chaidh iad a-mach co-dhiù agus chaidh cuid aca air seachran agus chaidil iad fo eathar a lorg iad aig loch agus a thionndaidh iad air am muin le cho dona 's a bha an aimsir. Ach cha do lorg iad pìleat an oidhche sin idir.

Ach bha am pìleat air bothan a lorg an Àisir Mòr, ach sin ann no às chaidh iad a-mach tràth sa mhadainn feuch am faigheadh iad am pìleat. Bha esan air a dhol dhan bhothan, ach 's e an aon dòigh a ràinig iadsan air ais dha na headquarters an oidhche sin 's ann le solais làraidh a bha aca na laighe air rathad Sandwood agus mar sin ràinig iad air ais. Chunnaic e, tha cuimhn aige a bhith 'facinn grùnn Messerschmittan 109 - no ME-109s ag itealaich os an cionn ach 's e an rud a b'èibhinn gu robh am pìleat ag iarraidh gun togadh iad an suidheachan meatailte trom deagh-fhortanach aige air ais on Spitfire. Ach bha e uabhasach trom, 's mar sin dh'èigh na gillean a-steach làraidh mòr gus a thoirt air ais, ach chaidh a lùbadh an dà leth air fhèin aig lùb teann sa rathad, ach fhuair iad air ais e mu dheireadh. Chaidh an làraidh mòr èigheachd gus am plèana fhèin a thoirt bhon tràigh, ach chaidh an Spitfire fhàgail an siud agus a h-uile dhà no trì bhliadhnaichean bhiodh e ag èirigh air ais dhan uachdar a-mach às a' ghainmhich. Cha tàinig e an àird fad ghreis mhòr a-nis, ach tha e fhathast ann. Dìreach dh'fhàg iad e bho nach do smaoinich iad idir air an rud a chur a-mach air ràth fleodrach.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crìsdean Chapman ag innse mar a chaidh Spitfire a lorg air tràigh Sandwood

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Spitfires; plèanan; plèanaichean; itealain; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)