Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Agnes Milne mu chompanas sa WAAF
EXTERNAL ID
WD_BF03_TRACK01_MILNE_01
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Agnes Milne
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3157
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
caraidean
càirdealachd
companas
Feachdan Armaichte
RAF
Feachd an adhair
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Agnes Milne a' bruidhinn air a' chompanas eadar na boireannaich sa WAAF san Dàrna Cogadh.

Och bha spiorad iongantach, iongantach math de chompanas ann. Bha a h-uile duine a' cuideachadh a chèile. Bha basgaid mhòr a thàinig don roinn WAAF agam. 'S ann bho na Feachdan Aimeireaganach a thàinig e. 'S iad a bha seo ach rudan airson nan caileagan: bha pùdar tailc ann agus Lux - tha mi fhìn fhathast a' cur siabann Lux gu feum - Lux toilet, bàr uabhasach mòr, agus fhuair a h-uile tè rudeigin agus fhuair mise am bàr mòr de shiabann aodainn Lux. 'Nise' thuirt mise 'chan fhaod thu seo a chleachdadh gus am bi thu a' coinneachadh ri cuideigin a tha uabhasach inntinneach agus chan fhaod thu a chleachdadh ach an aon turas, chan e dà nighe, agus an uairsin tiormaich e agus cuir air ais dhan bhogsa e airson an ath dhuine.' Mar sin sheas an siabann sin greis mhòr. An uairsin bha cuid mhaidean de pheanta-bilean ann - dathan grot agus tha mi 'smaoineachadh gun d'fhuair triùir maide pheanta-bilean ach bha sinn uile a' cleachdadh an aon mhaide. Ach a-rithist sin mar a bha. Bha a h-uile duine a' cuideachadh a chèile. A h-uile duine a' cuideachadh.

A h-uile h-oidhche Mhàirt bhiodh oidhche dèan-a' chùis-is-càirich againn agus dh'fheumadh a h-uile duine fuireach a-staigh is na putanan aca a ghlanadh agus a dhèanamh càradh sam bith air an robh feum dhan èideadh againn. Bhiodh sinn mu uair a thìde gu leth ris agus bhiodh sinn deiseil mu naoi uairean. Bhiodh sinn an uairsin a' cruinneachadh timcheall air an stòbha. Bha stòbhaichean againn - bha iad mu' n àirde sin, stòbhaichean iarainn, agus cuairt-thimcheall mar seo - agus lìonadh tu suas le còc iad agus chuireadh tu teine ris a' bhonn. Agus bhiodh tu mu lethuair a thìde ris, ach bhiodh iad a' deàrrsadh - tha mi creids' nach fhaodadh iad a bhith ann na làitheans' - bhiodh iad a' deàrrsadh agus bha e àlainn. Bhiodh sinn nar suidhe an sin agus an cocoa againn. Ach gu dearbh aig an aois a bha sinne cha b' ann air fighe a bha sinn a' còmhradh. 'S ann air na fir òga a bhiodh sinn a' bruidhinn. 'Och, tha esan eireachdail, tha falt dualach bàn air.' 'Tha sùilean gorma airsan.''Na bruidhinn ris-san - tha e oillteil.' Tha mi creids' nach eil e mòran diofraichte an-diugh. Ach mar sin a bha e - an aon dòigh. Agus an uairsin, nuair a bha an cogadh seachad agus chaidh sinn uile dhachaigh bha thu ga ionndrainn. Tha mise ag ionndrainn na bh' ann de chompanas.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Agnes Milne mu chompanas sa WAAF

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; caraidean; càirdealachd; companas; Feachdan Armaichte; RAF; Feachd an adhair; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)