Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Major-General Robasdan mu chompanas san Arm
EXTERNAL ID
WD_BF03_TRACK02_ROBERTSON_01
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Major-General Robertson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3159
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
companas
càirdealachd
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chòrd an spòrs ann an companas chàirdean ris a' Phrìomh Sheanalair Robasdan rè 'n Dàrna Cogaidh.

Dè a' chuimhne a th' agaibh air rudan sunndach aig àm a' chogaidh?

Em, bha iad pailt oir 's e spòrs glè mhath a bh' ann, cogadh. Chuir thu seachad greiseag bheag a' sabaid agus chuir thu seachad ùine mhòr còmhla ri do chàirdean ann an toileachas. 'S e glè bheag de bhlàir a bhios tu a' cur aig àm cogaidh. Tha beàrnan mòra eadar gach batal fhad 's a tha planadh agus co-dhùnaidhean a' dol. Ach bha iomadh àm sona ann. Nuair a bhios tu còmhla ri càirdean agus ri fealla-dhà agus gàireachdainn agus a' suidhe mun cuairt gu toilichte còmhla, 's e spòrs a th' ann. Bha spiorad de chompanas iongantach ann. Bha sinn uile nar càirdean da chèile. Ach tha companas nas motha na dìreach a bhith càirdeil. 'S e spiorad a th' ann a gheibh thu nuair a bhios tòrr dhaoine ag obair ris an aon cheann-uidhe - tha iad uile a' feuchainn ris an aon rud a dhèanamh - agus nuair a bhios iad uile a' co-roinn. Nuair a bhios sibh san aon suidheachadh, tha sibh a' fuireach còmhla san aon staid, tha sibh ag ithe an aon seòrsa biadh, tha sibh a' faireachdainn nan aon tachartasan, tha sibh còmhla sna h-aon chunnartan, tha a h-uile duine a' dèanamh an aon rud, agus tha sin gur ceangal ri chèile ann an dòigh nas dlùithe na càirdeas fhèin. 'S e spiorad a gheibh duine, och, chan ann a-mhàin san Arm, sa Nèibhidh no am Feachd an Adhair, bidh e ra lorg ann an sgoiltean cuideachd. Agus bidh a h-uile duine deònach ri cuideachadh a thoirt dha chèile ged a bhios amannan math no dona ann, feuch an tarraing a h-uile duine troimhe ceart gu leòr. 'S e sin nas motha na rud sam bith eile a tha a' fuireach na mo chuimhne mu mo chàirdean.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Major-General Robasdan mu chompanas san Arm

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; companas; càirdealachd; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)