Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Socketed bronze implements found in Ross-Shire and Skye

Chaidh an dà inneal-obrach seo, a tha de dh'umha agus air a bheil socaidean, an lorg ann an Siorrachd Rois agus san Eilean Sgitheanach. A rèir 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland', Leabhar VIII, 1871 (às an tàinig an dealbh) chaidh an t-inneal air an làimh chlì a lorg air 'Tuathanas Ord an Iar air oighreachd Inbhir Ghòrdain'. Ach tha Coimisean Rìoghail air Togalaichean Arsaidheil agus Aosmhor an Alba ag ràdh 'nach eil tuathanas Ord neo Ord an Iar ann am paraiste Ros Cuibhne agus is cinnteach gur ann air Tuathanas Ord am paraiste Urraidh ri a thaobh a chaidh a lorg'.

Chaidh an t-inneal air an làimh dheis a lorg anns an Eilean Sgitheanach ann an 1849. A rèir na 'Proceedings' dh' fhaodadh gun robhas a' cleachdadh an inneil airson a bhith a' sgrìobadh a-mach curaich no bàta agus soithichean mhòra eile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Innealan umha le socaid a lorgadh an Siorrachd Rois agus san Eilean Sgitheanach

innealan umha; innealan sgrìobaidh; innealan; an t-Eilean Sgitheanach; Urraidh; curach; Tuathanas Ord

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations)

Chaidh an dà inneal-obrach seo, a tha de dh'umha agus air a bheil socaidean, an lorg ann an Siorrachd Rois agus san Eilean Sgitheanach. A rèir 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland', Leabhar VIII, 1871 (às an tàinig an dealbh) chaidh an t-inneal air an làimh chlì a lorg air 'Tuathanas Ord an Iar air oighreachd Inbhir Ghòrdain'. Ach tha Coimisean Rìoghail air Togalaichean Arsaidheil agus Aosmhor an Alba ag ràdh 'nach eil tuathanas Ord neo Ord an Iar ann am paraiste Ros Cuibhne agus is cinnteach gur ann air Tuathanas Ord am paraiste Urraidh ri a thaobh a chaidh a lorg'.<br /> <br /> Chaidh an t-inneal air an làimh dheis a lorg anns an Eilean Sgitheanach ann an 1849. A rèir na 'Proceedings' dh' fhaodadh gun robhas a' cleachdadh an inneil airson a bhith a' sgrìobadh a-mach curaich no bàta agus soithichean mhòra eile