Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Agnes Milne mu dheidhinn call chàirdean
EXTERNAL ID
WD_BF03_TRACK04_MILNE_02
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Agnes Milne
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3162
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
caraidean
càirdealachd
companas
Feachdan Armaichte
RAF
WAAF
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Agnes Milne a' meòmhrachadh air dòighean dèiligidh nuair bhiodh fir air an call san Dàrna Cogadh.

Uill, mar a thuirt mi, 's e plèanaichean sabaid a bh' annta, Spitfires, plèanaichean sabaid. Agus bha trì scuadranan againn, agus mar a thuirt mi, bha - bha iad a' dìon a' chost an iar, eil fhios agad, agus nuair a thigeadh na bomairean a-nall, thogadh ar balaich orra dhan adhar agus dh'fheuchadh iad rin losgadh sìos. Agus bhiodh iad cuideachd ri obair dìon nam bomairean nan cois nuair a bha iad a' dol a-null dhan Roinn Eorpa mar a b' abhaist, dhan Roinn Eorpa gu lèir. Agus chaill sinn mòran de dh'fhireannaich òga; chaidh tòrr de dhaoine òga nam ficheadan a dh'aois a chall aig an àm sin. Ach eil fhios agaibh, chan eil fhios 'am an e an spiorad no dè ach cha bhiodh tu idir a' bruidhinn mu dheidhinn. Bha fios agad gu robh na daoine sin air iomrall an àiteigin, ach cha bhiodh tu 'bruidhinn mu dheidhinn; cha bhiodh facal air a ràdh. Ach bha thu ga fhaireachdainn, bha thu a' faireachdainn meadhanach brònach. Agus mar a dh'fhàs thu suas bha thu a' tuigsinn na b' fheàrr mar a bha cùisean, a chionns nuair tha thu seachd deug is ochd deug - agus sna làithean sin bha sinn nar deugairean glè neochiontach - cha robh fios againn, agamsa, cha robh sinn air ar brosnachadh a dhol a-mach dhan t-saoghal idir ann an dòigh sam bith. Agus saoilidh mi, gu cinnteach - chuir mi sios crios-cuimhne fhlùraichean aig Carragh-cuimhne Calladair an Dàmhair seo-chaidh air leth eaglais Challadair agus chuir e truas orm agus bhuail e orm, mo chreach, tha e trì fichead bliadhna bhon uairsin, ach chan eil na rudan sin a' dol às do chuimhne, chan eil ceart. Ach lean seo air adhart, lean e air adhart dìreach. Dh'fhàs thu caran cleachdte ris, na daoine air chall, agus cha chanadh tu 'Càite bheil iad?' Cha bhruidhneadh tu idir air. Saoilidh mi gur e seo dòigh a bhith ga sheachnadh, cha mhòr.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Agnes Milne mu dheidhinn call chàirdean

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; caraidean; càirdealachd; companas; Feachdan Armaichte; RAF; WAAF; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Agnes Milne a' meòmhrachadh air dòighean dèiligidh nuair bhiodh fir air an call san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Uill, mar a thuirt mi, 's e plèanaichean sabaid a bh' annta, Spitfires, plèanaichean sabaid. Agus bha trì scuadranan againn, agus mar a thuirt mi, bha - bha iad a' dìon a' chost an iar, eil fhios agad, agus nuair a thigeadh na bomairean a-nall, thogadh ar balaich orra dhan adhar agus dh'fheuchadh iad rin losgadh sìos. Agus bhiodh iad cuideachd ri obair dìon nam bomairean nan cois nuair a bha iad a' dol a-null dhan Roinn Eorpa mar a b' abhaist, dhan Roinn Eorpa gu lèir. Agus chaill sinn mòran de dh'fhireannaich òga; chaidh tòrr de dhaoine òga nam ficheadan a dh'aois a chall aig an àm sin. Ach eil fhios agaibh, chan eil fhios 'am an e an spiorad no dè ach cha bhiodh tu idir a' bruidhinn mu dheidhinn. Bha fios agad gu robh na daoine sin air iomrall an àiteigin, ach cha bhiodh tu 'bruidhinn mu dheidhinn; cha bhiodh facal air a ràdh. Ach bha thu ga fhaireachdainn, bha thu a' faireachdainn meadhanach brònach. Agus mar a dh'fhàs thu suas bha thu a' tuigsinn na b' fheàrr mar a bha cùisean, a chionns nuair tha thu seachd deug is ochd deug - agus sna làithean sin bha sinn nar deugairean glè neochiontach - cha robh fios againn, agamsa, cha robh sinn air ar brosnachadh a dhol a-mach dhan t-saoghal idir ann an dòigh sam bith. Agus saoilidh mi, gu cinnteach - chuir mi sios crios-cuimhne fhlùraichean aig Carragh-cuimhne Calladair an Dàmhair seo-chaidh air leth eaglais Challadair agus chuir e truas orm agus bhuail e orm, mo chreach, tha e trì fichead bliadhna bhon uairsin, ach chan eil na rudan sin a' dol às do chuimhne, chan eil ceart. Ach lean seo air adhart, lean e air adhart dìreach. Dh'fhàs thu caran cleachdte ris, na daoine air chall, agus cha chanadh tu 'Càite bheil iad?' Cha bhruidhneadh tu idir air. Saoilidh mi gur e seo dòigh a bhith ga sheachnadh, cha mhòr.<br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.