Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan aig Stenness
EXTERNAL ID
QZP40_2471_VOLXII_P348A
ÀITE
Stenness
SGÌRE
Tìr-mòr Arcaibh
DEIT
1876
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31653
KEYWORDS
clachan
tursachan
cearcaill
Stones of Stenness

Tha Clachan Stenness ri taobh Loch Stenness, rud beag air falbh on phrìomh rathad eadar Sromnis is Baile na h-Eaglaise air tìr-mhòr Arcaibh. Bha 12 chlach sa chearcall an toiseach, a chaidh a chur an sin eadar 3000 is 2500BC. Bhiodh seo mun aon àm ri Maes Howe, ach fada na bu thràithe na Cearcall Bhrodgar, beagan gu tuath.

Annn an 1814 cha robh ach 4 clachan fhathast nan seasamh, is anns a' gheamhradh 1814 bha tuathanach air t' èile de chlachan a' chearcaill is clach eile air an taobh a-muigh a leagail, oir bha e feargach le luchd-turais a' coiseachd air an tuathanas aige airson na tursachan fhaicinn. Thathar air a' chlach a chur air ais dhan chearcall on uair sin. De na clachan a th'air fhàgail, tha an tè as àirde dhiubh 5.7m (19 troigh) a dh'àirde, ach 's dòcha nach i seo an tè a b'àirde de na clachan an toiseach. Thathar den bheachd gun toireadh e mu 5,000 latha a' togail a' chearcaill.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan aig Stenness

1870an

clachan; tursachan; cearcaill

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations)

Tha Clachan Stenness ri taobh Loch Stenness, rud beag air falbh on phrìomh rathad eadar Sromnis is Baile na h-Eaglaise air tìr-mhòr Arcaibh. Bha 12 chlach sa chearcall an toiseach, a chaidh a chur an sin eadar 3000 is 2500BC. Bhiodh seo mun aon àm ri Maes Howe, ach fada na bu thràithe na Cearcall Bhrodgar, beagan gu tuath.<br /> <br /> Annn an 1814 cha robh ach 4 clachan fhathast nan seasamh, is anns a' gheamhradh 1814 bha tuathanach air t' èile de chlachan a' chearcaill is clach eile air an taobh a-muigh a leagail, oir bha e feargach le luchd-turais a' coiseachd air an tuathanas aige airson na tursachan fhaicinn. Thathar air a' chlach a chur air ais dhan chearcall on uair sin. De na clachan a th'air fhàgail, tha an tè as àirde dhiubh 5.7m (19 troigh) a dh'àirde, ach 's dòcha nach i seo an tè a b'àirde de na clachan an toiseach. Thathar den bheachd gun toireadh e mu 5,000 latha a' togail a' chearcaill.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77)