Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Mhic Uisneachan
EXTERNAL ID
QZP40_2471_VOLXII_P359
ÀITE
Dùn Mhic Uisneachan
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's Mucàrna
DEIT
1876
LINN
1870an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31655
KEYWORDS
dùin
sgeulachdan
àiteachan-fuirich
uirsgeul
seanchas
Dun Mac Uisneachan
zoomable

Tha Dùn Mhic Uisneachain (neo MacSniachan) na laighe eadar Loch Eite is Loch Crearain. Tha e air aithris gur e seo an t-àite-còmhnaidh aig Naoise, Ardan agus Ainle, triùir mhic Uisnich.

Tha aon sgeulachd ag innse mar a chaidh an triùir mhic an cur dhan Eilean Sgitheanach ach an ionnsaicheadh iad ealan cogaidh. Nuair a thill iad a dh'Èirinn thuit Naoise ann an gaol le Deirdre, nighean a bha fo chùram Righ Ulaidh, a bha ga togail gus am biodh I uaireigin na mnaoi dha. Ghoid Naoise Deirdre agus, còmhla ri thriùir bhràithrean, rinn iad àite-còmhnaidh san sgìre eadar Loch Eite is Loch Crearain.

Tha sgeulachd eile ag innse mar a dh'fhàs triùir mhic Uisnich suas còmhla, faisg air Dùn Uisneachain. Ged a bha gaol aig Deirdre orra gu lèir, bha I fo ghealladh pòsaidh aig Rìgh Ulaidh. Nuair a thàinig àm a' phòsaidh, cha b' urrainn dhi a dhèanamh agus chuir an Rìgh an triùir mhic gu bàs. Bhàsaich Deirdre fhèin beagan às dèidh sin le cridhe briste. Chaidh an ceathrar a thiodhlacadh còmhla aig Dùn Mhic Uisneachain.

Tha an t-ainm eile 'Beregonium' air Dùn Mhic Uisneachain ann an cuid de leabhraichean fiosrachaidh. A dh'aindeoin an ainm Làidinn, cha robh e riamh na dhùn aig na Ròmanaich. 'S ann o thràth sna linntean AD a tha an dùn, agus pàirtean dhiubh le clach loisgte ann.

'S ann o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77) a tha an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Mhic Uisneachan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's Mucàrna

1870an

dùin; sgeulachdan; àiteachan-fuirich; uirsgeul; seanchas; Dun Mac Uisneachan; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)