Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Anndra Marshall mu bhiadh san Arm
EXTERNAL ID
WD_BF04_TRACK01_MARSHALL
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Marshall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3166
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
arm
cùmhnadh
cuibhreannan
rations
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Anndra Marshall a' bruidhinn air cho math 's a bha biadh an Airm san Dàrna Cogadh.

Co ris a bha am biadh coltach aig àm a' chogaidh?

Och, bha am biadh math gu leòr, seadh. Gu h-iongantach, 's ann às dèidh deireadh a' chogaidh a bha am biadh gann. Eil fhios agad, thàinig an riaghaltas ùr a-steach ann am Breatainn, an riaghaltas Làbarach agus thug iadsan a-steach rud a chur iad 'Austerity' ris - cùmhnadh. Bha a h-uile rud air a chùmhnadh, rations, agus mar sin. Ach bha am biadh san Arm meadhanach math chun a sin. Gu dearbh, bha pàirt dheth glè mhath. Bha còcairean an Airm math. Cha robh e coltach - sa Chiad Chogadh bhiodh iad a' bruidhinn air - an rud a bu mhotha a bh' aca, bully beef, eil fhios agad, corned beef, feòil arbhaireach. Uill, bha feòil mar sin againne cuideachd. Thug iad a-steach rud dhen ainm K-Rations, agus bha bogsa ann a bha freagarrach do 14 duine, saoilidh mi - 's e leth phlatùn a bhiodh sin - agus bha a h-uile seòrsa sa bhogsa seo, nàdar de dh'fheòil bruich agus an leithid, nàdar de shlaman, beagan shiùcairean, cèic teòclaid, 's dòcha seachd toitean, gu leòr ann do gach duine a sheasadh biadh aon là. Mar sin bha iad math na K-Rations seo, agus na h-Aimeireaganaich, bha biadh na b'annasaich acasan, ach turas sam bith a thachradh sinn riutha, bha iad an-còmhnaidh ag iarraidh suaip a dhèanamh eadar an cuid fhèin de bhiadh agus ar cuid biadhse, bhon bhiodh iad ag ràdh gum b' fheàrr leotha am biadh nàdarra a bh' againne ris a' bhiadh nas spìosraich a bh' acasan.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Anndra Marshall mu bhiadh san Arm

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; cùmhnadh; cuibhreannan; rations; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)