Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaigh ann an cùil, Eaglais an Naoimh Donnain, Eige
EXTERNAL ID
QZP40_2471_VOLXII_P583
ÀITE
Caibeal an Naoimh Donnain, Cill Donnain
SGÌRE
Eige
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
DEIT
1876
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31661
KEYWORDS
uaighean
tiodhlacaidhean
cladhan
eaglaisean
caibealan
gràbhalaidhean
clachan-uaghach
comharraidhean uaghach
cinnidhean
Recessed tomb, Church of St Donnan, Eigg

Air taobh tuath altair seann chaibeal an Naoimh Donnain air Eilean Eige tha uaigh ann an cùil. Tha bratach Mhac 'ic Ailein on t-16mh linn air a ghràbhaladh air a' bhalla.

Tha an gràbhaladh mar sgiath air a cairtealadh. Tha làmh anns a bheil crois croiseig sa chiad chairteal, leòmhann san dara chairteal, birlinn san treas cairteal is caisteal sa cheathreamh cairteal. Tha craobh labhrais anns a' mheadhan a' sìneadh on mhullach chun a' bhuinn, le isean air a ghràbhaladh anns na meuran àrda. Eadar an caisteal is a' bhirlinn tha cumadh àraidh - 's dòcha gur e an talamh anns a bheil a' chraobh a' fàs a th'ann, ach tha e nas coltaiche gur e iasg a th'ann, oir tha seo cumanta air sgiathan nan Dòmhnallach. A rèir coltais, tha cnàmhan Raghnaill Mhic Ailein Òig, am pìobaire ainmeil, anns an uaigh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaigh ann an cùil, Eaglais an Naoimh Donnain, Eige

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

1870an

uaighean; tiodhlacaidhean; cladhan; eaglaisean; caibealan; gràbhalaidhean; clachan-uaghach; comharraidhean uaghach; cinnidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations)

Air taobh tuath altair seann chaibeal an Naoimh Donnain air Eilean Eige tha uaigh ann an cùil. Tha bratach Mhac 'ic Ailein on t-16mh linn air a ghràbhaladh air a' bhalla.<br /> <br /> Tha an gràbhaladh mar sgiath air a cairtealadh. Tha làmh anns a bheil crois croiseig sa chiad chairteal, leòmhann san dara chairteal, birlinn san treas cairteal is caisteal sa cheathreamh cairteal. Tha craobh labhrais anns a' mheadhan a' sìneadh on mhullach chun a' bhuinn, le isean air a ghràbhaladh anns na meuran àrda. Eadar an caisteal is a' bhirlinn tha cumadh àraidh - 's dòcha gur e an talamh anns a bheil a' chraobh a' fàs a th'ann, ach tha e nas coltaiche gur e iasg a th'ann, oir tha seo cumanta air sgiathan nan Dòmhnallach. A rèir coltais, tha cnàmhan Raghnaill Mhic Ailein Òig, am pìobaire ainmeil, anns an uaigh.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77)