Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Colbh aig Seannduaig, Taobh Siar
EXTERNAL ID
QZP40_2475_1_P001
ÀITE
Seannduaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Neag
DEIT
1857
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31675
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan snaidhte
gràbhalaidhean
tursachan
cladhan
croisean
Pillar at Shandwick, West Side

Snaidhte air gach taobh, 's e dìomhaireachd a th'ann an carraighean Chruithneach fhathast. Mar as trice, bha crois is iomadh samhla le ciall mhiotasach no chràbhach air na clachan a b' fhaide a-steach dhan linn sin. Ach, seach gu bheil iomadh samhla ann am paidhir, 's dòcha gu bheil iad a' comharrachadh sliochd no treubh sònraichte. Chan eil na clachan seo ach mun chost san ear-thuath, is chaidh trì den fheadhainn as fheàrr a dhèanamh air rubha an Tairbeirt, mar an tè seo ann an Seannduaig.

Beag air bheag, eadar 600 is 800AD, thionndaidh a' mhòr-chuid de na Cruithnich gu Crìosdaidheachd. 'S ann aig an àm seo a chaidh na clachan ainmeil a dhèanamh.

'S e clach de dh'Inbhe 2 a th'anns a' chloich aig Seannduaig, a tha 3 meatairean a dh'àirde. Tha clach Chruithneach Inbhe 2 air a measadh mar fhìor obair ealain on 8mh is on 9mh linn. 'S e leacan cheithir-cheàrnach a th'annta, de chlach-ghainmhich mar as trice, le samhlaidhean Cruithneach is Crìosdail.

A' coimhead chun na mara, tha a' chrois làn de chnapan is snìomhain ceangailte. Tha còig pannalan sgeadaichte air an taobh eile - samhla dà-lannach de bheathach, sealladh de shealg, luchd-claidheimh a' sabaid, sealgair le crois-bhogha is nathraichean gam bìdeadh fhèin.

Tha an t-ainm Gàidhlig, Clach a' Charaidh, a' ciallachadh 'clach nan uaigh', is tha e coltach gun robh cladh an seo air a chleachdadh nuair a bha a' bhuinneach-mhòr ann ann an 1832, is chaidh a 'threabhadh fodha' mu 1885.

Tha a' chlach seo a-nis ann am bogsa gloinne airson a dìon on aimsir.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'A Short Account of some Carved Stones in Ross-shire, accompanied with a series of Outline Engravings' le Teàrlach Carter Petley is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. IV (1857)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Colbh aig Seannduaig, Taobh Siar

ROS: An Neag

clachan Cruithneach; clachan snaidhte; gràbhalaidhean; tursachan; cladhan; croisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)