Ùrachadh mu Dheireadh 23/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gràbhaladh on Chloich aig Baile Chnuic
EXTERNAL ID
QZP40_2475_1_P004
ÀITE
Baile a' Chnuic
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Manachainn Rois
DEIT
1857
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31678
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan snaidhte
gràbhalaidhean
tursachan
Carving from the Stone at Hilton

Snaidhte air gach taobh, 's e dìomhaireachd a th'ann an carraighean Chruithneach fhathast. Mar as trice, bha crois is iomadh samhla le ciall mhiotasach no chràbhach air na clachan a b' fhaide a-steach dhan linn sin. Ach, seach gu bheil iomadh samhla ann am paidhir, 's dòcha gu bheil iad a' comharrachadh sliochd no treubh sònraichte. Chan eil na clachan seo ach mun chost san ear-thuath, is chaidh trì den fheadhainn as fheàrr a dhèanamh air rubha an Tairbeirt, mar an tè seo ann am Baile Chnuic.

Beag air bheag, eadar 600 is 800AD, thionndaidh a' mhòr-chuid de na Cruithnich gu Crìosdaidheachd. 'S ann aig an àm seo a chaidh na clachan ainmeil a dhèanamh.

'S e clach Inbhe 2 a th'ann an leac-chrois Bhaile a' Chnuic. Tha clach Chruithneach Inbhe 2 air a meas mar fhìor obair ealain on 8mh is on 9mh linn. 'S e leacan ceithir-cheàrnach a th'annta, de chlach-ghainmhich mar as trice, le samhlaidhean Cruithneach is Crìosdail.

Tha am pannal gu h-àrd a' sealltainn lann dhùbailte is slat-z os cionn corran, slat-v is dà lann. Tha sealladh de shealg ann le dithis ghaisgeach, dithis fhear-trombaid is dà chù a' toirt ionnsaigh air fiadh san ath phannal. Tha boireannach air dìollaid-chliathaich a' marcachd còmhla ri marcaiche eile san t-sealladh cuideachd. Tha sgàthan is cèis cìre rin taobh.

Tha dealbh de shnìomhain ceangailte anns a' phannal aig a' bhonn, is tha rolla àitichte a' dol suas gach taobh den chloich. Bha i na seasamh taobh a-muigh caibeal an Naoimh Moire ann an Cathabul suas chun an 19mh linn. Ann an 1676, chaidh sgiath a ghràbhaladh air an taobh air an robh a' chrois ann an dòigh bhorb, mar chuimhneachan air Alasdair Duff, duine urramach às an àite, agus na trì mnathan aige. Cha robh lorg air a' phàirt ìosal den phannal gu h-ìosal gu 2001, nuair a chaidh a lorg air a thiodhlacadh faisg air tobhta a' chaibeil.

Chaidh a' chlach a ghluasad gu Caisteal Inbhir Ghòrdain agus, ann an 1921, chaidh a toirt do Thaigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn. Bha i an sin bliadhna mus deach a toirt air ais a dh'Alba, is tha i ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba ann an Dùn Eideann an-diugh.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'A Short Account of some Carved Stones in Ross-shire, accompanied with a series of Outline Engravings' le Teàrlach Carter Petley is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. IV (1857)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gràbhaladh on Chloich aig Baile Chnuic

ROS: Manachainn Rois

clachan Cruithneach; clachan snaidhte; gràbhalaidhean; tursachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)