Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Agnes Milne air coinneachadh ri daoine ainmeil àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF04_TRACK02_MILNE
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Agnes Milne
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3168
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
clubaichean oidhche
luchd-ciùil, seinneadair
seinneadairean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Choinnich Agnes Milne daoine ainmeil ann an clubaichean Feachdan Armaichte rèn Dàrna Cogadh.

An club-oidhche seo, àite glè ard-uachdrach a bh' ann, saoilidh mi, chaidh a bhomadh agus am Morair Nuffield - nach maireann, saoilidh mi, cha chreid mi gu bheil e beò fhathast, seadh - ghabh am Morair Nuffield nach maireann an t-àite thairis agus thog e suas e na àite do luchd-seirbhis, fireannaich is boireannach às gach dùthaich agus às gach ceum-inbhe agus uill, bha e dìreach mìorbhaileach. Gu sònraichte, 's e bh' ann nach fhaigheadh tu siabann aodainn Lux agus bhiodh sinn uile a' cleachdadh pìos de shiabann Lifebuoy a-measg a chèile is rudan mar sin. Choisich thu a-steach dhan chlub agus bha boireannaich an sin agus ghabh iad an èid.. - thug iad thu do bhogsag, ghabh iad d' èideadh is do bhrògan agus thug iad dhut an cleòca brèagha pinc a bha seo. Chuir thu umad e agus chaidh thu null gus am biodh do ghruag air a nighe 's air a sheatadh. An uairsin gheibheadh tu 'facial', obair air d' aodann - cha d' fhuair mi gin tuilleadh bhon uairsin agus chaidh am peanta-aodainn a chur ort. 'S e rud buileach sònraichte a bha seo: ged nach b' e rud ro fhallain a bh' ann, aig an àm sin dh'fheumamaid uile a bhith a' cleachdadh an aon mhaide pheanta-bilean.

An uairsin chaidh na bùird an seatadh ann an cearcall agus chaidh thu a dh'iarraidh rudeigin ri ithe agus shìos an staidhre, chaidh thu sìos seòrsa de staidhre iarainn-fìllte dhan ùrlair dannsaidh, shìos aig a' bhonn. Agus aon uair nuair a bha mi an Lunnainn bha Glenn Miller a' cluich sa chlub sin agus saoilidh mi gur ann dìreach mus deach a chall thairis air an Channel a bha sin. Chaidh sinn ann agus bha sinn nar suidhe an sin agus bhiodh na fir òga a bha a' cluich sa bhand, mur a robh feum orra ann an cluich de phort shònraichte, thigeadh iad a-nall is dh'iarradh iad air na caileagan dannsa còmhla riutha, eil thu 'faicinn. Bha mise na mo shuidhe an sin còmhla ris an dà charaid agam - an dithis aca na bu bhrèagha na mise, feumaidh mi ràdh - mo dhà charaid, ach 's e bh' ann gu robh falt glè òr-ruadh air an triùir againn, agus is cinnteach gur ann air sgàth seo a thàinig an duine òg a-null agus dh'iarr e orm dannsa còmhla ris, eil thu 'faicinn. Uill, bidh mi a' dèanamh tòrr bruidhinn, gun teagamh, ach bha mi air mo ghlacadh, cha tuirt mi facal le cho mòr 's a bha e a' còrdadh rium. Agus lorg mi a-mach a-rithist - cha bhi sibhse a tha cho òg a' tuigsinn seo; bidh fios aig ur seanphàrantan - 's e Harry James a bha san duine òg seo, am fear-ciùil a phòs Betty Grable a-rithist, 's mar sin bha urram ro-mhòr orm.

Agus an uarsin bha club eile ann an Lunnainn air an robh an t-ainm an Stage Door Canteen. Bha e air a ruith le boireannaich Aimeireaganach, agus thigeadh na reultan film uile, na film stars, dhan chlub seo nuair a bhiodh iad ann an Lunnainn a' cumail spòrs ris na seirbheisean Aimeireaganach. Agus chaidh sinn an sin cuideachd. Bha mi ann aon turas nuair a bha Bing Crosby ann, agus, seadh bha e a' dèanamh spòrs is a' seinn òran ainmeil goilf 'Straight down the middle'. Bha esan ann agus duine no dithis ainmeil eile, 's mar sin bha e gu math iongantach, eil fhios agaibh, nuair nach eil thu ach seachd deug, ochd deug.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Agnes Milne air coinneachadh ri daoine ainmeil àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; clubaichean oidhche; luchd-ciùil, seinneadair; seinneadairean; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)