Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach aig Eadardan
EXTERNAL ID
QZP40_2475_1_P006
ÀITE
Eadardan
SGÌRE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Eadardan
DEIT
1857
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31680
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan snaidhte
gràbhalaidhean
tursachan
croisean
Stone at Edderton

Snaidhte air gach taobh, 's e dìomhaireachd a th'ann an carraighean Chruithneach fhathast. Mar as trice, bha crois is iomadh samhla le ciall mhiotasach no chràbhach air na clachan a b' fhaide a-steach dhan linn sin. Ach, seach gu bheil iomadh samhla ann am paidhir, 's dòcha gu bheil iad a' comharrachadh sliochd no treubh sònraichte.

Beag air bheag, eadar 600 is 800AD, thionndaidh a' mhòr-chuid de na Cruithnich gu Crìosdaidheachd. 'S ann aig an àm seo a chaidh na clachan ainmeil a dhèanamh.

Tha a' chrois-leac, a tha na sìneadh a-nis, ann an gàradh-eaglais Eadardain na cloich Inbhe 3. 'S e seo clach Chruithneach on 8mh no 9mh linn far nach eil samhla aithnichte.

Tha crois Cheilteach air an taobh siar, le cearcall farsaing mun eadar-ghearradh; tha crois Laideann is marcaiche air an taobh sear. Tha an dithis mharcaichean a b'ìsle a-nis fon talamh. Chan fhaicear samhlaidhean Cruithneach idir.

Tha pìosan de chlachan Cruithneach a chaidh a lorg timcheall na h-eaglais a-nis ann an Taigh-tasgaidh Bhaile Dhubhthaich.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'A Short Account of some Carved Stones in Ross-shire, accompanied with a series of Outline Engravings' le Teàrlach Carter Petley is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. IV (1857)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach aig Eadardan

ROS: Eadardan

clachan Cruithneach; clachan snaidhte; gràbhalaidhean; tursachan; croisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)