Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàirt den Chloich aig Neig
EXTERNAL ID
QZP40_2475_1_P009
ÀITE
Neig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Neag
DEIT
1857
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31683
KEYWORDS
clachan Chruithneach
clachan snaidhte
gràbhalaidhean
tursachan
Part of the Stone at Nigg

Snaidhte air gach taobh, 's e dìomhaireachd a th'ann an carraighean Chruithneach fhathast. Mar as trice, bha crois is iomadh samhla le ciall mhiotasach no chràbhach air na clachan a b' fhaide a-steach dhan linn sin. Ach, seach gu bheil iomadh samhla ann am paidhir, 's dòcha gu bheil iad a' comharrachadh sliochd no treubh sònraichte. Chan eil na clachan seo ach mun chladach san ear-thuath, is chaidh trì den fheadhainn as fheàrr a dhèanamh air rubha an Tairbeirt, mar an tè seo ann an Neig.

Beag air bheag, eadar 600 is 800AD, thionndaidh a' mhòr-chuid de na Cruithnich gu Crìosdaidheachd. 'S ann aig an àm seo a chaidh na clachan ainmeil a dhèanamh.

'S e clach Inbhe 2 a th'anns a' chrois-leac aig Neig. Tha clach Chruithneach Inbhe 2 air a meas mar fhìor obair ealain on 8mh is on 9mh linn. 'S e leacan cheithir-cheàrnach a th'annta, de chlach-ghainmhich mar as trice, le samhlaidhean Cruithneach is Crìosdail.

Tha an sgeadachadh coltach ri na croisean ann an Ì on 8mh linn, Ciste-laighe an Naoimh Anndrais (còmhdach rìoghail Cruithneach) is Leabhar Cheannanais. Tha cùl-ionad de chnapan is nathraichean air a' chrois as motha, agus dealbh de thachartas ann am beatha an Naoimh Phòil, an t-Aonaran, mar a chaidh innse le Naomh Jerome. Air a' chùl, tha samhla de dh'iolaire, le seallaidhean seilge is dealbh den sgeulachd on Bhìoball mu Dhaibhidh a' marbhadh leòmhann gus uan a shàbhaladh.

Chaidh pàirt den chloich, air an robh pàirt de bheathach Cruithneach, a lorg ann an 1998. Tha i ann an Taigh-tasgaidh Bhaile Dhubhthaich an-diugh. Tha a' chlach na seasamh ann an eaglais ann an Neig.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'A Short Account of some Carved Stones in Ross-shire, accompanied with a series of Outline Engravings' le Teàrlach Carter Petley is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. IV (1857)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàirt den Chloich aig Neig

ROS: An Neag

clachan Chruithneach; clachan snaidhte; gràbhalaidhean; tursachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)