Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois aig Cille Mhoire, Cnapadal a Deas
EXTERNAL ID
QZP40_2475_1_P010
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Deas
DEIT
1857
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31684
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan snaidhte
gràbhalaidhean
tursachan
croisean
Cross at Kilmory, South Knapdale

Tha Crois MhicMhaolain ann an Cnap, Cille Mhoire, eaglais bheag bho na meadhan linntean ann an Cinn Tìre le cruinneachadh de leacan-uaighe Ghàidhealach, beagan mhìltean deas air Caisteal Suain air oirthir Chnapadail.

'S ann airson Alasdair MacMhaolain, an aon cheannard 's a bh'ann an Caisteal Suain sa 15mh linn, a chaidh a' chrois, a tha mu 12 throigh a dh'àirde, a dhèanamh. Tha dealbh de cheusadh os cionn claidheamh mòr air aon taobh. Tha sealladh de sheilg le ceannard ann am fèileadh is coin a' sealg fhèidh air an taobh eile. 'S e seo a' chiad dealbh aithnichte de Ghàidheal ann am fèileadh.

Mu 1360, chaidh mòran de theaghlach MhicMhaolain gu Cnapadal ann an Cinn Tìre far am b' e Calum Mòr à Cnap a' chiad cheannard. Bha am fearann aige fo 'Chòir MhicMhaolain' o Thighearnan nan Eileanan. A rèir aithris, bha a' 'Chòir' air a sgrìobhadh air cloich, ach chan eil sgeul oirre a-nis. Chuir iad a' chlach Cheilteach mhòr an àird aig Cnap, Cille Mhoire is fhuair iad barrachd seilbh tro pòsadh ban-oighre NicNèill. Bha iad anns a' mhòr-chuid de Chnapadal a Deas is Cille Chamaig gus an robh mòran den fhearann arfuntaichte nuair a thàinig Tighearnas nan Eileanan gu crìch aig deireadh a' 15mh linn. Chaidh am fearann a bha air fhàgail a chall gu na Caimbeulaich mu dheireadh.

Bha a' chrois na seasamh anns a' ghàradh-eaglais roimhe, ach tha i anns an eaglais a-nis.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'Description of an Ancient Cross at Kilmory, in Argyleshire' le Wilson Dobie MacUilleim, is fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', vol IV (1857)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois aig Cille Mhoire, Cnapadal a Deas

EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Deas

clachan Cruithneach; clachan snaidhte; gràbhalaidhean; tursachan; croisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)