Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Major-General Robasdan mu chuirmean-àbhacais aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF04_TRACK03_ROBERTSON
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Major-General Robertson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3169
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
arm
luchd-ciùil
fear-ciùil
seinneadair
seinneadairean
daoine ainmeil
neach iomraiteach
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig a' Phrìomh Sheanalair Robasdan air buidhnean àbhacais agus spòrs socair san Dàrna Cogadh.

Cha robh mi fhìn a' dol a dhannsadh. Ach bha buidhnean fèille a thàinig a-mach thugainn. Thàinig Will Fyfe, tha cuimhn' agam. 'S dòcha nach cuala sibh a-riamh mu Will Fyfe? Will Fyfe. Tha daoine a' dìochuimhneachadh. Bha Will Fyfe gu math ainmeil. Thàinig Vera Lynn - tha mi creids' gun cuala sibh m' a deidhinn-sa - a-mach do na saighdearan ach an seinneadh i dhuinn. Bha buidheann fèille againn de shaighdearan san roinn-airm againn fhìn, agus bhiodh iad sin a' cur air cuirmean-àbhacais nuair nach robh sinn ris an loidhne, nuair nach robh sinn a' sabaid.

Ach bho là gu là gu fìrinneach cha robh cus chur-seachadan sònraichte ann nuair a bhiodh tu a-muigh san raon. Bhiodh tu dìreach ga dhèanamh suas dhut fhèin. Bhiodh tu ri do spòrs fhèin a' bruidhinn ris na fir eile agus a' dèanamh cinnteach gu robh an armachd agaibh glan agus gun loisgeadh iad ceart nuair a bhiodh feum orra agus gu robh thu air do chladhadh a-staigh gu sàbhailte. Chuir sinn seachad mòran ùine dìreach a' dèanamh cinnteach gu robh sinn sàbhailte. Cha robh cus ùine ann airson chuirmean. Snàmh, nuair a bhiodh sinn ri taobh na mara no faisg air abhainn - bha sin math - ach ceart gu leòr, cha robh, cha robh cus ann dhuinn. Cha robh rudan eile ann.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Major-General Robasdan mu chuirmean-àbhacais aig àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; luchd-ciùil; fear-ciùil; seinneadair; seinneadairean; daoine ainmeil; neach iomraiteach; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)