Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Quigrich, no Seann Bhachall, an Naoimh Fhaolain
EXTERNAL ID
QZP40_2475_2_P377
DEIT
1890
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31693
KEYWORDS
naoimh
misionairidhean
bachall
The Quigrich or Crozier of St Fillan

A rèir coltas, 's e 'quigrich', no bachall buachailleachd an Naoimh Fhaolain a tha seo, air a chòmhdachadh le airgead. Bha còir gun robh cumhachd draoidheil aige ann a bhith a' lorg stuth a bh' air a ghoid. Bhathar a' creidsinn gun dèanadh uisge anns an robh am bachall leigheas air beathaichean tinn. Thathar a' creidsinn gu bheil am facal 'quigrich' a' ciallachadh 'coigreach'. Bha an Naomh Faolain, mac an Naomh Centigerna, à Èirinn is thàinig e gu Gleann Dochard mu 730AD gus Crìosdaidheachd a sgaoileadh am measg nan Cruithneach. Thog e manachainn faisg air Uachdar Thìre anns Na Srathaibh. Nuair a chaochail Faolain, dh'fhàg e na cuimhneachain aige aig daoine neo-chlèireach ann an Gleann Dochard an àite aig na manaich anns a' mhanachainn. Bha creideas làidir aig na seann Cheiltich ann an cumhachdan cuimhneachain nan Naomh aca. Bhiodh daoine a' dol air tursan le na cuimhneachain, a' leantainn misean an Naomh Faolain agus a' cleachdadh nan cuimhneachan gus dòchas is creidsinn a thoirt do mhuinntir na sgìre. 'S e 'deòradh' a bh'aca air daoine mar seo, is 's ann bho sin a thàinig an sloinneadh 'Deòireach' no 'Mac an Deòir'. Bha a bhachall (quigrich), a chlag (bernane), agus a ruighe am measg na rudan a dh'fhàg an Naomh Faolain. A-mach às na daoine a bha a' coimhead às dèidh nan cuimhneachain, cha deach na cuimhneachain sìos tro na ginealaichean ach a-mhàin ann an dà theaghlach (quigrich agus bernane). Chan eil fhios againn dè a thachair do na cuimhneachain eile.

Ghabh am bachall pàirt cudromach aig Blàr Allt a' Bhannaich ann an 1314. Chaidh a thoirt don bhlàr air òrdughan Raibeart Brùs gus na saighdearan a bhrosnachadh. Bha an 'quigrich' aig an aon theaghlach ann an Gleann Dochard gus an deach a reic ri Dòmhnallaich Ghleann Garaidh ann an 1336 nuair a bha cion-airgid aca. Dh'fhàs suidheachadh nan Deòirich na b'fheàrr mean air mhean, ge-tà gus an d'fhuair iad air a cheannach air ais mu dheireadh, le duilgheadas. Chaidh Fionnlagh Deòir aithneachadh mar neach-gleidhidh a' bhachaill ann an 1428.

Bha tòrr spèis aig na coimhearsnachdan ionadail air neach-gleidhidh a' chuimhneachain agus bha còir aige air talamh agus air gràn gach bliadhna. B' e obair an Deòirich a bhith a' lorg crodh a chaidh a ghoid no air chall bho Ghleann Dochard air feadh na h-Alba. Aig deireadh nan 1400an, bha iomagain air uachdarain is eaglais na sgìre mu na sochairean a bh' aig an Deòireach seo. Air an adhbhar seo, dh'fheuch iad ris a' bhacall a thoirt air falbh bhon teaghlach agus ri toirt orra cìsean a phàigheadh air an cuid talmhainn. Chuir Rìgh Seumas III na leanas an cèill ann an am 1497 mu Mhaolais Deòrach anns na Srathaibh, ge-tà: (Malise Doire, residing in Strathfillan), 'made no obedience nor answer to any person, spiritual or temporal, in anything concerning the said holy relic'. Chuir sin crìoch air an deasbad.

Bha dà mhac aig Maolais Deòireach eile a bha beò às dèidh seo: Maolais agus Alasdair. Fhuair Maolais, am bràthair as sine am bachall mar oighreachd agus bha e am beachd a thoirt do a mhac Dòmhnall às a dhèidh. Ach cha robh Dòmhnall a' cumail gu math agus chaochail e aig aois òg agus mar sin, thug Maolais an cuimhneachain do a bhràthair fhèin Alasdair. Rugadh Gilleasbaig (Archibald), am mac as sine aig Alasdair ann an Cill Fhinn ann an 1756. Ann an 1818 chaidh Gilleasbaig agus a theaglach a dh'fhuireach ann an Canada, faisg air far a bheil Ottowa a-nis. Chaidh am bachall ann cuideachd. Chaochail Gilleasbaig ann an 1831 agus thug e am bachall do dh'Alasdair, am mac as sine ace, a rugadh faisg air Cuimridh ann an 1790 agus a chaidh a dh'fhuireach ann an Canada far an do phòs e boireannach a Siorrachd Pheairt air an robh Seonag Cheanadach agus far an robh dusan duine cloinne aige.

Fhuair Dr Daniel MacUilleim a-mach mu dheireadh thall gun robh am bachall air Canada a ruigsinn. B' e rùnaire Comann Seanachdan na h-Alba a bh' ann agus dh'fheuch e gu neo-shoirbheachail ri toirt air na Deòirich am bachall a thoirt air ais a dh'Alba. Chaidh fhastadh an uair fhastadh mar phroifeasair ann an Oilthigh Thoronto agus thug seo deagh chothrom dha na Deòraich fhaicinn oir bha iad a' fuireach nas lugha na 200 mìle an iar air Toronto. Ann an 1876, nuair a bha Alasdair cha mhòr 90 bliadhna a dh'aois, bha e a' gabhail dragh gur dòcha nach biodh ùidh cho mòr aig a shliochd ann a bhith a' gleidheadh a' buachaill agus a bh' aige fheìn. Dh'aontaich e ri iarrtas an Dr MhicUilleim mu dheireadh thall agus, air 30 Dùbhlachd, chuir e fhèin agus a oighre Gilleasbaig an ainmean ris an sgrìobhainn a thug seilbh den bhachall agus còir laghail air a' bhachall do Chomann nan Seanachdan airson Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann: "there to remain in all time to come, for the use, benefit, and enjoyment of the Scottish nation".

Thàinig an duilleag seo bho 'The Quigrich or Crosier of St Fillan' a chaidh fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leabhar V (1890).

Taing do Ghlen Bodie airson an fhiosrachaidh a chuir e ris an aithris seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Quigrich, no Seann Bhachall, an Naoimh Fhaolain

1890an

naoimh; misionairidhean; bachall

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)