Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Bhurrian, Ronaldsay bho Thuath
EXTERNAL ID
QZP40_2475_2_P379
ÀITE
Burrian
SGÌRE
Ronaldsay bho Thuath
DEIT
1890
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31695
KEYWORDS
Burrain
Cruithnich
Arcaibh
zoomable

Tha Dùn Bhurrian air ceann-tìre ann an ear-dheas Ronaldsay bho Thuath. Tha ceithear baideallan crèadha eadar an dùn is am fearann àiteachail mu thimcheall air. Chaidh a chladhach anns na 1880an is bha e ann am meadhan baile mòr o Linn an Iarainn. Tha cuid de na rudan a lorg na h-àirceolaichean a' sealltainn dhealbhan Cruithneach is tha cuid eile, mar clag-làimh iarann is leac-chrois, a' sealltainn gun robh an t-àite air a chleachdadh airson adhbhar eaglaiseil a-rithist. Tha 'a' Chrois Bhurrian' a-nis cumanta air seudaireachd à Arcaibh. Feumaidh gun robh mòran den dùn air fhàgail ri linn nan Lochlannach, oir 's ann o 'borg-in' (daingneachd) a thàinig ainm an àite. Tha an làrach an urra ri Rùnaire na Stàite airson Alba.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'Results of Excavations at the Broch of Burrian, North Ronaldsay, Orkney, during the Summers of 1870 and 1871' le Uilleam Trail is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. V (1890)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Bhurrian, Ronaldsay bho Thuath

1890an

Burrain; Cruithnich; Arcaibh; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)

Tha Dùn Bhurrian air ceann-tìre ann an ear-dheas Ronaldsay bho Thuath. Tha ceithear baideallan crèadha eadar an dùn is am fearann àiteachail mu thimcheall air. Chaidh a chladhach anns na 1880an is bha e ann am meadhan baile mòr o Linn an Iarainn. Tha cuid de na rudan a lorg na h-àirceolaichean a' sealltainn dhealbhan Cruithneach is tha cuid eile, mar clag-làimh iarann is leac-chrois, a' sealltainn gun robh an t-àite air a chleachdadh airson adhbhar eaglaiseil a-rithist. Tha 'a' Chrois Bhurrian' a-nis cumanta air seudaireachd à Arcaibh. Feumaidh gun robh mòran den dùn air fhàgail ri linn nan Lochlannach, oir 's ann o 'borg-in' (daingneachd) a thàinig ainm an àite. Tha an làrach an urra ri Rùnaire na Stàite airson Alba.<br /> <br /> Chaidh an lann seo a thoirt o 'Results of Excavations at the Broch of Burrian, North Ronaldsay, Orkney, during the Summers of 1870 and 1871' le Uilleam Trail is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. V (1890)