Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn aig Loch an Dùin, Àird, & Dùn aig Barabhat, Bearnaraigh
EXTERNAL ID
QZP40_2475_3_P002
ÀITE
Barabhat
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Barbhas
DEIT
1890
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31697
KEYWORDS
Barabhat
zoomable

Tha an dùn seo air eilean ìosal ann an Loch an Dùin, 25 meatair on chladach an ear. 'S ann air cabhsair cloiche, 43 meatair a dh'fhaid, 2.5m a leud is 1.2m a dh'àirde, is air a dhèanamh le ulbhagan mhòra, a gheibhear thuige. Tha balla mu thimcheall an àite gu lèir, ach an taobh tuath a-mhàin. Bha am balla 0.5m a leud, mu 0.5 m a dh'àirde is air a thogail le Gneiss Leòdhasach. Tha deasbad ann an e càrn seòmrach no àite-còmhnaidh a bh'ann.

Mus deach a chladhach anns na 1980an is 1990an, cha robh ann an Dùn Bharabhat ach dùn chlachan ann an Loch Bharabhat. Bha cabhsair cunnartach, a bha fon uisge gu math tric, eadar an t-eilean is an cladach.

Sheall a' chladhach gun deach a thogail mar dhùn le gaileiridhean eadar coimhearsnachdan, staidhrichean is seòmraichean. Tha coltas gun do thuit e goirid an dèidh dha bhith air a thogail, ach chaidh a chleachdadh a-rithist anns a' 1mh is an 2mh linn ro Chrìosd. Buinidh stuth a chaidh a lorg fo làr an taigh-chruinn dhan linn mu 650 BC is tha e a' sealltainn gun robh daoine a' fuireach ann roimhe. 'S e pàirt den adhbhar gun do thuit e cho luath gun robh e air a thogail air na bh'air fhàgail den t-seann togalach seo, a bha cugallach.

Bha taighean-cruinne A' Chuain Siar, is na dùin gu sònraichte, air am faicinn mar dhaingneachdan nan uaislean. Ach, 's e suidheachadh an dùin, 's chan e an structar fhèin, a' phrìomh fheart a thaobh daingneachd a bh'aig na togalaichean seo sna h-Eileanan Siar.

A dh'aindeoin dè na feairtean a bh'aca a thaobh daingneachd, bha daoine a' fuireach ann an taighean-cruinne nan Innse Gall fad na tìde. Bhathar an sàs ann an tuathanachas, is bha togalaichean eile air an togail a chum seo a leasachadh.

'On the Duns of the Outer Hebrides' le F.W.L.Thomas is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. V (1890)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn aig Loch an Dùin, Àird, & Dùn aig Barabhat, Bearnaraigh

ROS: Barbhas

1890an

Barabhat; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)