Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Charlabhaigh, Leòdhas
EXTERNAL ID
QZP40_2475_3_P004
ÀITE
Dùn Chàrlabhaigh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
DEIT
1890
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31699
KEYWORDS
àitean còmhnaidh
àirceòlas
Dun Carloway, Lewis

'S e Dùn Chàrlabhaigh air eilean Leòdhais fear de na dùin as fheàrr a tha air fhàgail. Tha e air cnoc a' coimhead thar Loch Ròdhaig is tobhtaichean thaighean dubha is dòcha a chaidh a thogail le cloich on dùn.

Thathar den bheachd gun deach Dùn Chàrlabhaigh a thogail mu 50BC. Bha taighean neo-adhartach is sprèidh mu thimcheall air, is bhiodh e air a chleachdadh mar thuraid-faire. Tha am pàirt as àirde a tha fhathast na sheasamh 6.7m (22 throigh). Tha an crann-tarsainn gu lèir 14.3m (47 troigh), is tha an lios a-staigh 7.5m (24 troigh), le dà sheòmar eile ceangailte ris. An toiseach, 's dòcha gun robh na ballachan mu 13m (43 troigh) a dh'àirde. Tha am balla dùbailte ann an deagh staid fhathast, is chithear mar a bha làir eadar-dhealaichte ceangailte le staidhre chloiche eadar an dà bhalla.

Tha seòmar dhìonadair ri taobh na slighe a-steach. Tha seòmraichean air an lobhta-làir a bh'air an cleachdadh airson beathaichean a chumail. Bhiodh na daoine gu h-àrd, air làr fiodh air leac a chithear fhathast air a' bhalla a-staigh.

Tha coltas gun robh a' mhòr-chuid den dùn fhathast na sheasamh anns an t-16mh linn, nuair a dh'fhalaich cuid de chlann Mhoireasdain ann an dèidh dhaibh crodh a ghoid o theaghlach MhicAmhlaigh à Ùig. A rèir aithris, shreap Dòmhnall Cam MacAmhlaigh suas am balla is thilg e fraoch a bha na theine dhan dùn, a' toirt air na Moireasdanaich teiche a-mach.

Bha mòran iomraidh air Dùn Chàrlabhaigh ann an aithisgean mu dhùin sna h-Eileanan Siar anmoch san 19mh linn, is b' e fear den chiad sheann charraighean ann an Alba a bha an urra ris an Stàit. Bha pàirt mhòr den bhalla air a thoirt air falbh roimhe seo, 's dòcha airson na taighean dubha a thogail. Tha e an urra ri Alba Eachdraidheil an-diugh.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'On the Duns of the Outer Hebrides' le F.W.L.Thomas is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. V (1890)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Charlabhaigh, Leòdhas

ROS: Ùig

àitean còmhnaidh; àirceòlas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)