Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Anndra Marshall air deireadh a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF05_TRACK01_MARSHALL
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Marshall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3170
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Feachdan Armaichte
arm
fèillean
fèill-ghàirdeachais
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bhlais Anndra Marshall a' chiad bhodka aige aig deireadh an Dàrna Cogaidh.

Dè chuimhnicheas sibh air àm deireadh a' chogaidh?

Nuair a thàinig an cogadh gu crìch bha sinn sa Ghearmailt agus gu dearbh bha e math. Bha gàirdeachas mòr ann, eil fhios agaibh. An là an dèidh dha sguir bha sinn ann am baile mòr Lübeck. An cuala tu riamh mu Lübeck? 'S e port mara a th' ann an taobh tuath a' Ghearmailt. Agus dh'fhàs a h-uile càil glè chomhartail, eil fhios agaibh - mas aithne dhut am facal 'cushy' - socair, dòigheil, eil fhios agaibh. Sguir na h-oifigearan a' toirt seachad òrdughan agus an leithid. Chaidh d' fhàgail, cha mhòr, fad dhà no trì làithean bha e mar nach robh thu idir san Arm. Dh'fhaodadh tu an rud a thogradh tu a dhèanamh, tighinn 's a' falbh ri do thoil fhèin, agus mar a shaoileadh tu bha a' chuid a bu mhotha dhe na daoine, mar a bha iad ann am baile mòr, a' dol a-mach a dh'òl, air an daorach, 's an leithid. Ann an Lübeck thachair sinn airson a' chiad uair ri daoine à Latvia no an e Estonia a bh'ann - tè dhe na dùthchannan Balcanach. Bha iad a' teicheadh bho na Ruiseanaich agus bha iad air tighinn dhan Ghearmailt. Agus 's e sin a' chiad turas a-riamh a bhlais mi air bhodka.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Anndra Marshall air deireadh a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Feachdan Armaichte; arm; fèillean; fèill-ghàirdeachais; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)