Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach Baile a' Chnuic
EXTERNAL ID
QZP40_2475_P003
ÀITE
Baile a' Chnuic
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Manachainn Rois
DEIT
1857
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31706
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan
leacan snaidhte
obraichean-snaidhte
Cruithnich
Piocaich
tursachan
samhlaidhean
Hilton of Cadboll Stone

Bha an leac chroise Chruithneach aig Baile a' Chnuic na seasamh ri taobh tobhta a' chaibeil (bho na meadhan-linntean) aig an Naomh Muire. Ann an 1676, chaidh an sgeadachadh air taobh na croise a thoirt dhith le sgeilb gus an dèigheadh a' chlach a chleachdadh mar chlach-cinn uaighe. Ach bha a' chlach cho trom 's nach gabhadh a gluasad, is chaidh a fàgail. Chaidh a' chlach a chur gu Caisteal Inbhir Ghòrdain a-rithist, is an uairsin gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn, mus deach a cur dhan Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann, far am bheil i fhathast.

Tha trì pannallan air cùl na cloiche clas II seo. Tha lann-chruinn dùbailte is slat-z ann os cionn corrain is slat-v agus dà chearcall anns a' phannail gu h-àrd. Tha am pannal anns a' mheadhan a' sealltainn sealladh de shealgaireachd le dà laoch, dà thriombaidear is dà chù a' toirt ionnsaigh air fiadh. Tha marcaiche boireann na suidhe an dìollaid-thaobh ri taobh marcaiche eile. Tha sgàthan is cèis chìre ri an taobh.

Tha dealbh snìomhach eadar-fhìllte anns a' phannal gu h-ìosal, is tha dealbh de rolla air gach cliathaich den uachdar seo. Cha robh sgeul air a' phàirt ìosal den phannal seo gu 2001, nuair lorgadh e air a thiodhlagadh faisg air tobhta a' chaibeil.

Ann an 2000, thòisich an grabhaltaiche Barry Grove, ann an co-smuain le Riseard Easson à Urras Cathaireach Baile Dhubhthaich, pròiseact airson clach Bhail a' Chnuic ath-chruthachadh. Chan eil an cùl buileach mar bha e o thùs oir bha pàirtean a dhìth. Bha pannal ìosal na cloiche ath-chruthaichte gu math coltach ris a' phannal air a' chloich thùsail, a chaidh a lorg an ath bhliadhna a-rithist. Thathar ag ath-chruthachadh taobh na croise don chloich ùir a' cleachdadh a' phannail aig a' bhun agus na chaidh a lorg den chloich thùsail ann an 2001.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach Baile a' Chnuic

ROS: Manachainn Rois

1850an

clachan Cruithneach; clachan; leacan snaidhte; obraichean-snaidhte; Cruithnich; Piocaich; tursachan; samhlaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)