Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbhan o Chloich Bail a' Chnuic
EXTERNAL ID
QZP40_2475_P005
ÀITE
Baile a' Chnuic
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Manachainn Rois
DEIT
1857
LINN
1850an
CRUTHADAIR
C C Petley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31709
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan
leacan snaidhte
obraichean-snaidhte
Cruithnich
Piocaich
tursachan
samhlaidhean
Designs from the Hilton of Cadboll stone

Bha an leac chroise Chruithneach aig Baile a' Chnuic (Hilton of Cadboll) na seasamh ri taobh tobhta a' chaibeil (bho na meadhan-linntean) aig an Naomh Muire. Ann an 1676, chaidh an sgeadachadh air taobh na croise a thoirt dhith le sgeilb gus an dèigheadh a' chlach a chleachdadh mar chlach-cinn uaighe. Ach bha a' chlach cho trom 's nach gabhadh a gluasad, is chaidh a fàgail. Chaidh a' chlach a chur gu Caisteal Inbhir Ghòrdain a-rithist, is an uairsin gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn, mus deach a cur dhan Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann, far am bheil i fhathast.

Tha an dealbh seo a' sealltainn dà eisimpleir de dh'obair nan snaimean air a' chloich, lann chruinn is daoimean. Ged a tha coltas gu math eadar-fhighte orra anns an dealbh seo, bhiodh iad na bu drùitiche buileach ag èirigh bho chlàr na cloiche. Bhiodh na clachairean Cruithneach a gheàrr a' chlach uamhasach comasach.

Chaidh an lann seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbhan o Chloich Bail a' Chnuic

ROS: Manachainn Rois

1850an

clachan Cruithneach; clachan; leacan snaidhte; obraichean-snaidhte; Cruithnich; Piocaich; tursachan; samhlaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha an leac chroise Chruithneach aig Baile a' Chnuic (Hilton of Cadboll) na seasamh ri taobh tobhta a' chaibeil (bho na meadhan-linntean) aig an Naomh Muire. Ann an 1676, chaidh an sgeadachadh air taobh na croise a thoirt dhith le sgeilb gus an dèigheadh a' chlach a chleachdadh mar chlach-cinn uaighe. Ach bha a' chlach cho trom 's nach gabhadh a gluasad, is chaidh a fàgail. Chaidh a' chlach a chur gu Caisteal Inbhir Ghòrdain a-rithist, is an uairsin gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn, mus deach a cur dhan Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann, far am bheil i fhathast.<br /> <br /> Tha an dealbh seo a' sealltainn dà eisimpleir de dh'obair nan snaimean air a' chloich, lann chruinn is daoimean. Ged a tha coltas gu math eadar-fhighte orra anns an dealbh seo, bhiodh iad na bu drùitiche buileach ag èirigh bho chlàr na cloiche. Bhiodh na clachairean Cruithneach a gheàrr a' chlach uamhasach comasach.<br /> <br /> Chaidh an lann seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III'