Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Agnes Milne air mar a bha deireadh a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF05_TRACK02_MILNE
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Agnes Milne
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3172
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Feachdan Armaichte
pairèidean
spaidsearachd
fèillean
fèill-ghàirdeachais
claistinneach

Get Adobe Flash player

Ghabh Agnes Milne pàirt sa Victory Parade an Lunnainn aig deireadh an Dàrna Cogaidh.

Rud eile, uill, tha seo a' dol air adhart gu deireadh a' chogaidh, nuair bha am Pairèid Buannachaidh, an Victory .. - bha mi air mo thaghadh, bha mi còig seachd, còig ochd a dh'àirde agus bha mi glè thric air mo thaghadh airson rudan nuair a bhiodh feum air cuideigin àrd, eil thu faicinn. Mar sin chaidh mo thaghadh a dhol air a Victory Parade an Lunnainn. Agus sheas sinn - 's e là glè theth a bh' ann - sheas sinn an sin ann an sreathan fada, fada agus rinn an Rìgh 's a' Bhàn-righ agus a' Bhana-phrionnsa Rìoghail - 's e sin piuthar an rìgh, saoilidh mi, seadh, a' Bhana-phrionnsa Rìoghail, 's i an tè a rinn sgrùdadh oirnn, inspection. 'S e sinne an t-seirbhis a b' òige, eil fhios agad; an Nèibhidh an-toiseach, an t-Arm an dàrna fheadhainn, agus Feachd an Adhair mu dheireadh. 'S e an t-aon rud mu dheidhinn a' bhoireannaich seo (Am bu chòir dhomh seo a ràdh? Seadh, canaidh mi e) 's e an rud air a bheil cuimhn' agam ceart air a' bhoireannach seo: bha casan uabhasach mòr aice. Ghlac a casan m' aire buileach. Bha e mar gun tàinig na casan seo timcheall air an oisean beagan air thoiseach oirre. Smaoinich mi 'Mo chreach!' Agus an uairsin shaoil mi, uill, carson a tha thusa a' gàireachdainn? Tha do chasan fhèin meud a seachd!

Agus nuair a bha am pairèid seachad, uill cha ghabh e dìochuimhneachadh. Bha sinn uile, a h-uile seirbhis bho na Frangaich, na h-Aimeireaganaich - iadsan gu dearbha leis a' 'ghum' aca - bha sinn uile ann a' dannsa 's a' pògadh a chèile agus cha b' aithne dhuinn na daoine a bha sinn a' pògadh. A' dannsa 's a' pògadh is a' seinn gu, och, bha, bha an t-adhar a' fàs caran liath, soilleir mus do ràinig sinn dhachaigh. Ach nuair a chì mi an sluagh sin a' seinn air an telebhisean, bidh mi an-còmhnaidh a' cur air mo ghloineachan 's a' feuchainn an lorg mi mi fhìn nam measg, ach cha do lorg fhathast!

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Agnes Milne air mar a bha deireadh a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Feachdan Armaichte; pairèidean; spaidsearachd; fèillean; fèill-ghàirdeachais; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)