Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abaid Ì
EXTERNAL ID
QZP40_2475_VOL1_P001
ÀITE
Abaid Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
DEIT
1792
LINN
1790an
CRUTHADAIR
Davad Stuartus
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31729
KEYWORDS
eileanan
eaglaisean
manachainn
manaich
cailleachan dubha
Calum Cille
naoimh
togalaichean
creideamh
Crìosdaidheachd
coimhearsnachdan
Iona Abbey

Thàinig Calum Cille gu Ì ann an 536AD is stèidhich e manachainn. On àm sin, tha Ì air a bhith aig cridhe beatha chràbhach na h-Alba. Mhair Crìosdaidheachd air an eilean a dh'aindeoin iomadh creach Lochlannach a chrìochnaich ann am bàs iomadh manach. Ruaig Somhairle na Lochlannaich às Na h-Eileanan Siar gu lèir is thàinig e gu bhith na Thighearna nan Eilean anns an 12mh linn. Tràth san 13mh linn, cho-dhùin a mhac, Raonall Dòmhnallach, gun cuireadh e Manachainn Bhenedicteach is Taigh Chailleachan-dubha Augustineach an àite Manachainn Chaluim Chille. Anns a' 15mh linn, chaidh an abaid is taigh nan cailleachan-dhubha a leudachadh is eaglais na h-abaid a leasachadh. Ged nach do chuir creachan Lochlannach às dhiubh, nuair a thàinig an t-Ath-leasachadh anns na 1560an thòisich taigh nan cailleachan-dubha a' crìonadh, is an abaid an dèidh sin, agus sguir daoine gan cleachdadh.

Ann an 1874, thug an t-8mh Diùc Earra-ghàidheil, sealbhadair an eilein, coimisean do dh'ailtire airson na tobhtachan a ghleidheil is thug e na togalaichean do dh'Urras Chathair-eaglais Ì ann an 1899. Thog an t-Urras airgead seachad airson eaglais na h-abaid a leasachadh a-rithist. Ann an 1938, stèidhich an t-Urr Seòras MacLeòid Coimhearsanachd Ì, is rinn iadsan leasachadh air na togalaichean eile, ach a-mhàin taigh nan cailleachan-dubha, is bha iad gan cleachdadh.

Tha na togalaichean an-diugh an urra ri Alba Eachdraidhei, ach tha Coimhearsnachd Ì an làthair fad na tìde cuideachd.

Thàinig seo à leabhar 1 de 'Transactions of the Society of the Antiquaries of Scotland'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abaid Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

1790an

eileanan; eaglaisean; manachainn; manaich; cailleachan dubha; Calum Cille; naoimh; togalaichean; creideamh; Crìosdaidheachd; coimhearsnachdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)