Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, Leòdhas
EXTERNAL ID
QZP40_3200_126
ÀITE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
DEIT
1878
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31734
KEYWORDS
taighean dubha
àitean còmhnaidh
eileanan
togalaichean
Blackhouse, Lewis

Bha taighean-tughaidh cumanta anns Na h-Eileanan Siar suas chun an 19mh linn is bha daoine a' fuireach annta suas gu na 1970an. 'S e togalach fada, cumhang, uaireannan co-shìnte ri togalaichean eile is le aon bhalla eadar na dhà a bh'ann an taigh-tughaidh mar bu trice. 'S e dà shreath de chlachan gun chreadh-aoil, le mòine is ùir anns a' mheadhan a bh'anns na ballachan. 'S e frèam fiodh air a' bhalla a-staigh a bh'anns a' mhullach, le fòdan fraoich is tughadh air uachdar, is air a chumail air le lìon le clachan ceangailte air. Cha robh simileir ann. Bha beathaichean is daoine a' fuireach san aon togalach, is bha gràinne air a ghleidheil is air obrachadh san aon togalach.

Tha iomadh adhbhar ann airson an ainm 'taigh-dubh'. Gun uinneagan no simileir, bha a' cheò on teine a' dèanamh a h-uile dad dubh, is bha coigrich a' toirt 'taighean-dubha' orra air sgàth seo. 'S e mì-thuigse den Ghàidhlig adhbhar eile - tha na facail 'tughadh' is 'dubh' coltach ri chèile agus 's dòcha gun tàinig 'taigh-dubh' o 'taigh-tughaidh'. Ach 's e an t-adhbhar as cumanta na taighean ùra a thàinig dhan eilean. Bha iad seo air an còmhdadh le uisge-aoil is bha iad geal, 's mar sin thàinig na h-ainmean 'taigh-geal' is 'taigh-dubh' gu bith.

Tha an dealbh seo air a toirt o 'Art Rambles in the Highlands and Islands of Scotland', le Iain T Reid, (1878)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, Leòdhas

ROS

1870an

taighean dubha; àitean còmhnaidh; eileanan; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha taighean-tughaidh cumanta anns Na h-Eileanan Siar suas chun an 19mh linn is bha daoine a' fuireach annta suas gu na 1970an. 'S e togalach fada, cumhang, uaireannan co-shìnte ri togalaichean eile is le aon bhalla eadar na dhà a bh'ann an taigh-tughaidh mar bu trice. 'S e dà shreath de chlachan gun chreadh-aoil, le mòine is ùir anns a' mheadhan a bh'anns na ballachan. 'S e frèam fiodh air a' bhalla a-staigh a bh'anns a' mhullach, le fòdan fraoich is tughadh air uachdar, is air a chumail air le lìon le clachan ceangailte air. Cha robh simileir ann. Bha beathaichean is daoine a' fuireach san aon togalach, is bha gràinne air a ghleidheil is air obrachadh san aon togalach.<br /> <br /> Tha iomadh adhbhar ann airson an ainm 'taigh-dubh'. Gun uinneagan no simileir, bha a' cheò on teine a' dèanamh a h-uile dad dubh, is bha coigrich a' toirt 'taighean-dubha' orra air sgàth seo. 'S e mì-thuigse den Ghàidhlig adhbhar eile - tha na facail 'tughadh' is 'dubh' coltach ri chèile agus 's dòcha gun tàinig 'taigh-dubh' o 'taigh-tughaidh'. Ach 's e an t-adhbhar as cumanta na taighean ùra a thàinig dhan eilean. Bha iad seo air an còmhdadh le uisge-aoil is bha iad geal, 's mar sin thàinig na h-ainmean 'taigh-geal' is 'taigh-dubh' gu bith.<br /> <br /> Tha an dealbh seo air a toirt o 'Art Rambles in the Highlands and Islands of Scotland', le Iain T Reid, (1878)