Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaimh nan Ceàrd, Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
QZP40_3200_P138
ÀITE
Uaimh nan Ceàrd, Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1878
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31737
KEYWORDS
uamhan
creagan
luchd-siubhail
siopsaidh
Cave of the Tinkers, Wick

Bha luchd-siubhail a' fuireach ann an uamhan gu math tric suas chun an 19mh linn. Bha cuid a dh'uamhan ann am Breatainn air an cleachdadh mar seo san 20mh linn. Ann an 1915 bha seo toirmisgte fo Achd Dìon na Dùthcha, 's dòcha air sgàth 's gun togadh teine aire bàta-tumaidh an nàmhaid. Ach, cha robh seo uile gu lèir soirbheachail, oir bha daoine a' fuireach ann an uamhan anns an ath chunntas-sluaigh.

Bha feadhainn a' fuireach ann an Uaimh nan Ceàid, faisg air Inbhir Ùige, anns an 19mh linn. Ann an 1866 lorg an Dotair Artair Mitchell 24 duine a' fuireach san uaimh. Bhiodh iomadh teaghlach ann an uaimh cho mòr ris an uaimh seo, is bhiodh cagailt aig gach teaghlach. Tha seo a' togail an t-samhlachais gun robh fuireach ann an uaimh coltach ri bhith a' fuireach ann an teanamant.

Tha an dealbh seo air a toirt o 'Art Rambles in the Highlands and Islands of Scotland', le Iain T Reid, (1878)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaimh nan Ceàrd, Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1870an

uamhan; creagan; luchd-siubhail; siopsaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha luchd-siubhail a' fuireach ann an uamhan gu math tric suas chun an 19mh linn. Bha cuid a dh'uamhan ann am Breatainn air an cleachdadh mar seo san 20mh linn. Ann an 1915 bha seo toirmisgte fo Achd Dìon na Dùthcha, 's dòcha air sgàth 's gun togadh teine aire bàta-tumaidh an nàmhaid. Ach, cha robh seo uile gu lèir soirbheachail, oir bha daoine a' fuireach ann an uamhan anns an ath chunntas-sluaigh.<br /> <br /> Bha feadhainn a' fuireach ann an Uaimh nan Ceàid, faisg air Inbhir Ùige, anns an 19mh linn. Ann an 1866 lorg an Dotair Artair Mitchell 24 duine a' fuireach san uaimh. Bhiodh iomadh teaghlach ann an uaimh cho mòr ris an uaimh seo, is bhiodh cagailt aig gach teaghlach. Tha seo a' togail an t-samhlachais gun robh fuireach ann an uaimh coltach ri bhith a' fuireach ann an teanamant.<br /> <br /> Tha an dealbh seo air a toirt o 'Art Rambles in the Highlands and Islands of Scotland', le Iain T Reid, (1878)