Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_3289_P001
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1875
LINN
1690an
CRUTHADAIR
John Slezer
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31742
KEYWORDS
bailtean
cathair-bhailtean
blàran
prìomh-bhailtean
Bailtean Rìoghail
Seumasaich
eaglaisean
àrd-eaglaisean
aibhnichean
lochan
Sligh'-uisge na h-Alba
amaran-uisge
Inverness

Chaidh an sealladh seo de dh'Inbhir Nis a dhèanamh o ghràbhaladh a nochd air 'Theatrum Scotiae' aig Slezer. 'S e Duidseach a thàinig a dh'Alba ann an 1669 a bh'ann an Iain Slezer. Bha ùidh aige ann an togalaichean eachdraidheil is, mar thoradh air an sin, rinn e gràbhalaidhean de bhailtean Albannach. Bha sgrìobhadh le Sir Raibeart Sibbald cuideachd ann an 'Theatrum Scotiae' is tha e fhathast air a chleachdadh mar leabhar prìomh-fhianais cudthromach.

Tha Inbhir Nis na laighe aig ceann A' Ghlinn Mhòir is air bruaichean Abhainn Nis. Gu math tric, tha e air ainmeachadh mar phrìomh-bhaile na Gaidhealtachd. Chaidh a stèidheachadh mar Bhaile Rìoghail le Rìgh Daibhidh ann an 1158. Tha e co-cheangailte ri MacBheatha, a thog caisteal ann. Bha saighdearan Sasannach a' glèidheadh a' bhaile ann an 1303, ach chaidh a thoirt do luchd-taic Raibeart am Brus gu ruig 1508 nuair a thàinig Iarla Hunndaidh gu bhith na neach-glèidhidh anns an Aramach Ghlòrmhor ann an 1688. O dheireadh an 19mh linn chunnaic Inbhir Nis Aramach nan Seumasach an 1745 (a chrìochnaich ann am Blàr Chùil Lodair), togail Sligh'-uisge na h-Alba is an aon choinneamh de Chaibineat Bhreatainn a chaidh a chumail a-riamh taobh a-muigh Lunnainn. Chaidh a' choinneamh seo a chumail ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis ann an 1921 nuair a dhiùlt Èirinn an Rìgh is an Ìompaireachd, agus aig an àm bha Lloyd George air saor-làithean ann an Taobh Siar Rois.

Seach gu robh mòran sabaid a' tachairt mu thimcheall air, chan eil mòran thogalaichean eachdraidheil air fhàgail ann an Inbhir Nis, ach a-mhàin an Seann Àrd Eaglais, ach tha a' mhòr-chuid de dh'ailtearachd Inbhir Nis on 19mh linn. Bha e ainmeil nach robh Inbhir Nis na bhaile-mhòr air sgàth 's nach robh stìoballan air an Àrd-eaglais, ach chaidh inbhe bhaile-cathrach a thoirt do dh'Inbhir Nis ann an 2000 mar fhear de thrì bailtean a fhuair an inbhe sin aig àm an Dà Mhìle Bliadhna.

Chithear an gràbhaladh seo ann an 'Invernessiana: Contributions toward A History of the Town and Parish of Inverness, from 1160 to 1599', le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich. Tha e air a mheurachadh o leth-bhreac Fhriseil-Mac an Tòisich fhèin, pàirt den chruinneachadh leabhraichean aige a th'ann an Leabharlann Inbhir Nis an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1690an

bailtean; cathair-bhailtean; blàran; prìomh-bhailtean; Bailtean Rìoghail; Seumasaich; eaglaisean; àrd-eaglaisean; aibhnichean; lochan; Sligh'-uisge na h-Alba; amaran-uisge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)