Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cladh Eaglais nam Manach Ghlas, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_3289_P021
ÀITE
Cladh nam Manach Liath
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1875
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31747
KEYWORDS
Inbhir Nis
Cladh Greyfriars
cladhan
gàraidhean
colbhan
manachainnean
manaich
Grey Friars Kirkyard, Inverness

Ann an 1233 thug Alasdair II fearann ann an Inbhir Nis eadar Geata na h-Eaglaise (Sràid a' Chaibeil) is Abhainn Nis do na Manaich Dominicanach, far an do thog iad a' mhanachainn aca. Tha coltas ann gu robh àireamh nam manach beag an coimeas ris na togalaichean mòra a bh'aca. Bha seo air sgàth 's gun robh sùil aca ri coithionalan mòra a tharraing a-steach is cuideachd gun robh e cumanta gum biodh na togalaichean air an cleachdadh le Rìoghalachd nuair a bhiodh a' Chùirt a' tadhal.

Tha deasbad ann an robh na manaich Dominicanach (no Dubh) no nach robh, oir tha an cladh air ainmeachadh 'Greyfriars' as dèidh nam manach glas, is 's e Franganaich a bh'anns na Manaich Glas. Tha a' mhòr-chuid ag aideachadh, ge-tà, gur e Manaich Dominicanach no Dubh a bh'ann an Inbhir Nis. 'S dòcha nach eil e soilleir seach gun tàinig an dà sheòrsa gu Alba mun aon àm. Tha colbh ann an gàradh na h-eaglaise (a tha an-diugh eadar an dà thogalach iomlaid fòn) agus thathar ag ràdh gur e pàirt de dh'ionad-còisridh a' chiad Mhanachainn a bh'anns a' cholbh seo.

Chithear an gràbhaladh seo ann an 'Invernessiana: Contributions toward A History of the Town and Parish of Inverness, from 1160 to 1599', le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich. Tha e air a mheurachadh o leth-bhreac Fhriseil-Mac an Tòisich fhèin, pàirt den chruinneachadh leabhraichean aige a th'ann an Leabharlann Inbhir Nis an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cladh Eaglais nam Manach Ghlas, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an

Inbhir Nis; Cladh Greyfriars; cladhan; gàraidhean; colbhan; manachainnean; manaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Ann an 1233 thug Alasdair II fearann ann an Inbhir Nis eadar Geata na h-Eaglaise (Sràid a' Chaibeil) is Abhainn Nis do na Manaich Dominicanach, far an do thog iad a' mhanachainn aca. Tha coltas ann gu robh àireamh nam manach beag an coimeas ris na togalaichean mòra a bh'aca. Bha seo air sgàth 's gun robh sùil aca ri coithionalan mòra a tharraing a-steach is cuideachd gun robh e cumanta gum biodh na togalaichean air an cleachdadh le Rìoghalachd nuair a bhiodh a' Chùirt a' tadhal.<br /> <br /> Tha deasbad ann an robh na manaich Dominicanach (no Dubh) no nach robh, oir tha an cladh air ainmeachadh 'Greyfriars' as dèidh nam manach glas, is 's e Franganaich a bh'anns na Manaich Glas. Tha a' mhòr-chuid ag aideachadh, ge-tà, gur e Manaich Dominicanach no Dubh a bh'ann an Inbhir Nis. 'S dòcha nach eil e soilleir seach gun tàinig an dà sheòrsa gu Alba mun aon àm. Tha colbh ann an gàradh na h-eaglaise (a tha an-diugh eadar an dà thogalach iomlaid fòn) agus thathar ag ràdh gur e pàirt de dh'ionad-còisridh a' chiad Mhanachainn a bh'anns a' cholbh seo.<br /> <br /> Chithear an gràbhaladh seo ann an 'Invernessiana: Contributions toward A History of the Town and Parish of Inverness, from 1160 to 1599', le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich. Tha e air a mheurachadh o leth-bhreac Fhriseil-Mac an Tòisich fhèin, pàirt den chruinneachadh leabhraichean aige a th'ann an Leabharlann Inbhir Nis an-diugh