Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Uilleam Shand air deireadh a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF05_TRACK04_SHAND
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
William Shand
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3175
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Feachdan Armaichte
nèibhi
nèibhidh
An Cabhlach Rìoghail
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha Uilleam Shand an làthair nuair a ghèill an nèibhidh Gearmailteach an 1945.

Bha an soitheach agamsa, air an robh mise, fo smachd neo-eisimeileach; bha sinn an ìre mhath leinn fhìn, rud nach eil ro thlachdmhor aig amannan, agus bha sinn far chost a' Ghearmailt; ann an Heligoland ri taobh a' Ghearmailt. Agus thog sinn brath rèidio gu robh an cogadh air sguir. Mar sin anns a' bhad chaidh sinn aig àrd astar air ais dìreach gu àite dhen ainm Terneuzen san Òlaind. Saoilidh mi gur e sin a' chuimhne as iongantaiche agus as sona a th' agam agus bha rud às a dhèidh cuideachd. An uairsin goirid an dèidh sin thàinig oirnn - taobh a-staigh dhà no trì uairean a thìde - thàinig oirnn Terneuzen fhàgail 's a dhol a-steach gu cala sa Ghearmailt. Chan eil cuimhn' agam, an e Cuxhaven a bh' ann no Bremerhaven? Saoilidh mi gur e Cuxhaven a bh' ann. Agus chaidh sinn a-steach ann an dubh dorchadas agus an uairsin an ath mhadainn nuair a chaidh sinn a-mach 's a sheall sinn mun cuairt bha sinn am meadhan na h-acarsaid seo agus bha a h-uile soitheach a bha seo, soithichean Gearmailteach, deich turais nas motha na sinne, agus shaoil sinn "Dè tha sinn a' dèanamh an seo?" Ach, gu follaiseach, bha an cogadh seachad.

Mu dhà, no 's dòcha trì làithean às dèidh deireadh a' chogaidh bha gèilleadh oifigeil an nèibhidh Ghearmailtich ann. Chan e an sluagh Gearmailteach, ach b' e seo an nèibhidh Gearmailteach bhon 's e bun-ionad nèibhidh a bh' ann. Agus bha an soitheach air an robh mise meadhanach beag agus bha sinn an sin. A-nis bha sguabadairean a-staigh còmhla ruinn - mine-sweepers agus 's e bàtaichean beaga a bh' anntasan cuideachd. Ach 's e an seòrsa bhàtaichean a bh' annta far nach robh cus meàrrsadh sìos is suas orra. Cha robh cus smachd oirnn a-rèisd. Ach fhathast bha na sgiobaidhean bho HMS Franklin, air an robh mi fhìn, agus na sguabadairean mhèinnean nan riochdairean den Chabhlach Rìoghail. Mar sin faodaidh tu smaoineachadh air an t-suidheachadh sa cheàrnag mhòr am baile Cuxhaven agus an seo bha saighdearan 51mh Roinn Ghaidhealaich agus iad nan suidhe le tancaichean agus na gunnaichean aca a' coimhead ris na prìosanaich-cogaidh, Gearmailtich, agus bha iad, bha mi caran duilich air an son a dh'innse na fìrinn. Agus bha iad air an èigheachd seasamh stòlda fhad 's a bha riochdairean a' Chabhlaich Rìoghail a' meàrrsadh a-steach. Agus b' urrainn dhut innse nach robh eòlas meàrrsaidh aig duine aca ach na gillean a bha am Brigèid nam Balach, am Boys Brigade, oir cha robh ùine ann aig àm an trèanaidh, trèanadh airson nan ionnsaighean gu tìr, airson na daoine seo a dhèanamh deiseil; cha robh ùine ann airson meàrrsadh. Agus 's e balaich a bha ann am Brigèid nam Balach a-mhàin a b' urrainn ceum a chumail ris a' bhuille.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Uilleam Shand air deireadh a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Feachdan Armaichte; nèibhi; nèibhidh; An Cabhlach Rìoghail; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)