Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Doirb le a Chaisteal Loidse agus àirighean
EXTERNAL ID
QZP40_3443_P007
ÀITE
Loch an Doirb
SGÌRE
Crombail
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31760
KEYWORDS
Loch an Doirb
caistealan
eileanan
lochan
mòintich
Lochindorb with its Castle Lodge and Sheilings

Chaidh caisteal Loch an Doirb a thogail air eilean a bha air a thogail suas le làimh san loch dhen aon ainm air mòintich Dabha, an iar-thuath air Baile nan Granndach. Tha e coltach gu bheil am facal 'Doirb' a' ciallachadh 'trioblaid'.

'S ann san 13mh linn a chaidh an caisteal a thogail agus 's ann aig muinntir Chomyn a bha e mus deach a ghlacadh 's a chur gu feum le na Sasannaich. Bha e an uairsin air a chur gu feum mar phrìosan agus mar ghearastan do na saighdearan Shasannach mus tug Raibeart II e dha mhac, Alasdair ('Madadh Bhàideanaich'). Tha e air a ràdh gur ann aig Loch an Doirb a bha e a' fuireach nuair sgrios e Cathair-eaglais Eilginn ann an 1390.

Chall Iarla Mhoireibh còirichean a' chaisteil chun chrùn ann an 1455, agus thug Comhairle Dhìomhair na h-Alba an t-òrdugh do Thàna Chaladair an caisteal a thoirt as a chèile. Bha an geata mor iarainn a th'aig inntrinn Caisteal Chaladair an-diugh aig Loch an Doirb an toiseach.

Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Doirb le a Chaisteal Loidse agus àirighean

1800an

Loch an Doirb; caistealan; eileanan; lochan; mòintich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)