Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Urchardain
EXTERNAL ID
QZP40_3443_P037
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31762
KEYWORDS
Caisteal Urchardain
caistealan
Urchardan
Loch Nis
A' Ghàidhealtachd
togalaich
ionnsaighean
Alba Eachdraidheil
Urquhart Castle

Tha mìneachadh fon dealbh a tha ag ràdh: 'Thug an Rìgh Daibhidh II Caisteal Urchardain, no Caisteal na Sròine, mar a bha air, agus a' bharanachd do dh'Uilleam, Iarla Chataibh, ann an 1359. Ann an 1455, ghabh an Crùn thairis e. Ann an 1479 chaidh an t-seilbh agus fearann Urchardain a thoirt do Hutchean Rose à Cill Rathaig, mar thuarastal riaghladair, fo Hunndaidh, a bha na shiorraidh air air an t-siorrachd. Cheannaich Iarla Ghrannd Urchardan le còir on Rìgh Seumas VI.'

Tha Caisteal Urchardain dìreach còrr is mìle an ear air Druim na Drochaid aig ceann an ear Ghleann Urchardain. Tha e air rudha creagach a' coimhead thairis air Loch Nis suas gu Inbhir Nis agus sìos gu Cille Chuimein.

Dh'fhaodadh gu bheil an caisteal air làrach dùn Cruithneach. Bha caisteal ann dìreach an dèidh 1230 nuair a bha Alasdair II airson an sgìre a dhìon an dèidh aramach a chur fodha ann am Moireibh.

Chaidh an caisteal on teaghlach Durward gu na Cuimeinich san treas linn deug agus, nuair a bha Eideard I a' fuireach ann, rinn e an togalach na bu mhotha agus chuir e barrachd dìon air. Bha na Dòmhnallaich, Triathan na Eilean, an còmhnaidh a' toirt ionnsaigh air. Bha seilbh air a' chaisteal ag atharrachadh tric, agus bha Cùmhnantaich agus Seumasaich a' fuireach ann mus deach a chur na smàl gus nach tigeadh e gu bhith na dhaingneachd aig na Seumasaich ann an 1691.

Tha Alba Eachdraidheil a-nis a' cumail suas a' chaisteil

Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Urchardain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1810an

Caisteal Urchardain; caistealan; Urchardan; Loch Nis; A' Ghàidhealtachd; togalaich; ionnsaighean; Alba Eachdraidheil

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)